Iasgair a bhàsaich an Uibhist a Deas air ainmeachadh

Loch a' Chàrnain Image copyright Robert W Watt/Geograph

Chaidh iasgair bàta-chlèibh a bhàsaich agus e ag obair far chladach Uibhist a Deas ainmeachadh.

B'e Mìcheal Monk a bhuinneadh do Bheinn nam Fadhla agus a bha 57 bliadhna de dh'aois.

Thuirt Poileas Alba gun deach an corp aige a lorg air cladach Loch a' Chàrnain mu 13:30f Diciadain.

Bha healeacoptair nam maor-cladaich agus na sgiobaidhean aca, bàta-teasairgin Bharraigh agus Seirbheis Charbadan Eiridinn na h-Alba uile an sàs san iomairt.

Thuirt fear-labhairt nam poileas gu bheil an sgrùdadh aca a leantainn, ged nach eil iad den bheachd gu bheil càil amharasach mun chùis.

Dhearbh Bòrd Rannsachaidh nan Tubaistean Mara gu bheil iadsan a' dèanamh sgrùdadh air an tubaist cuideachd.