Iarrtas ùr airson fosgladh Sàbaid an Leòdhas

Ionad Spors Leòdhais

Tha luchd-iomairt a' dèanamh oidhirp eile airson agus gum bi an t-Ionad Spòrs ann an Steòrnabhagh fosgailte air an t-Sàbaid.

Sgrìobh iad gu gach ball de Chomhairle nan Eilean Siar ag iarraidh orra coimhead a-rithist air Ionad Spòrs Leòdhais fhosgladh seachd là san t-seachdain.

Tha iad a' tabhann airgid orra airson deuchainn a chumail air fosgladh na Sàbaid.

Tha comhairlichean air bhòtadh an aghaidh an iarrtais gu ruige seo, agus chan eil coltas ann gun atharraich iad an seasamh.

Thuirt luchd-strì nach eil e cothromach gum bi goireasan spòrs poblach fosgailte Didòmhnaich ann an Uibhist agus Barraigh agus an t-ionad ann an Steòrnabhagh dùinte.

Chan eil cead tuilleadh fon lagh aig na comhairlichean gun taic a chur ris an iarrtas air adhbharan creideimh agus an turas mu dheireadh a bhòt iad na aghaidh 's ann air sgàth agus nach robh luchd-obrach gu leòr ann airson an goireas a ruith air an t-Sàbaid.

Tagradh do chomhairlichean

Tha am fear-iomairt Ùisdean MacLeòid ag ràdh gu bheil feum aca air manadsair agus luchd-teasairginn airson an còrr den t-seachdain agus nach eil e a' faicinn adhbhar carson nach urrainn dhaibh a bhith ag obair air an t-Sàbaid cuideachd.

"Cha bu chòir dha sin a bhith duilich airson àite mar ionad spòrs gum faigheadh iad an luchd-obrach a dhèanadh sin, gu h-àraid eadar na th' aca de luchd-obrach pàirt-ùine agus làn-ùine.

"Tha iad ag obair air sioftaichean, tha'd ag obair bho sheachd uairean sa mhadainn gu deich uairean a dh'oidhche sia là san t-seachdain agus tha'd a' cantainn a-nis nach fhaigh iad air sin a dhèanamh seachd là san t-seachdain.

"Tha rudeigin fada ceàrr an sin," thuirt Mgr MacLeòid.

Tha e a' cumail a-mach gun do sheall sgrùdadh foirmeil a rinn iad am measg luchd-cleachdaidh an ionaid spòrs gun robh 70% dhiubh a' cur taic ri fosgladh na Sàbaid.

"Tha sinn a-nis air sgrìobhadh gu na comhairlichean gu lèir a' tabhann an airgid a-rithist agus a' faighneachd, mar bu chòir dhaibh, an toir iad seo air adhart agus an coimhead iad ris ann an dòigh cheart, chan ann leis a' chreideamh aca fhèin neo dè a tha a' dol a dh'fhaighinn an ath bhòt dhaibh," thuirt Mgr MacLeòid.