Thòisich pàrantan gille a chùir làmh na bheatha fhèin cùis-lagha an aghaidh NHS nan Eilean Siar

Sgoil 'icNeacail Image copyright Comhairle nan Eilean Siar
Image caption Chaidh na seirbheisean èiginn a ghairm gu Sgoil MhicNeacail an dèidh mar a chaidh dragh a thogail mu Anton Michael air 12mh den Dùbhlachd 2017.

Tha pàrantan balaich a chuir làmh na bheatha fhèin sa sgoil air cùis-lagha a thòiseachadh an aghaidh a' bhùird slainte aca mun chùram a fhuair e.

Bhàsaich Anton Michael, 15, a bha na sgoilear aig Sgoil MhicNeacail ann an Steòrnabhagh san Dùbhlachd 2017.

Dh'innis athair, an Dtr Dàibhidh Michael, dhan phàipear-naidheachd an Daily Record gu robh Anton tric troimh-chèile agus gun dòchas agus a' cur roimhe mar a chuireadh e crìoch air a' bheatha fhèin.

Tha iad a' cumail a-mach nach tug NHS nan Eilean Siar feart air na rabhaidhean a thug iad dhaibh mu na rudan a bha e ag ràdh agus mar a bha e.

Tha an Dtr Michael a' cumail a-mach nach robh na deuchainnean a chleachd NHS nan Eilean Sair airson dearbhadh dè an tinneas a bh'air freagarrach.

Ann am brath-naidheachd, thuirt am bòrd slàinte gur e adhbhar bròin mòr dhaibh a bh'ann am bàs Anton ach nach b'urrainn dhaibh càil a bharrachd a ràdh air sgàth adhbharan laghail.

Na agallamhl leis an Daily Record, thuirt an Dtr Michael gu robh amharas air gu robh Anton a' fulang le trom-inntinn, ach gun deach innse dhaibh an toiseach gu robh Asperger's air.

Tha an Dtr Michael a' cumail a-mach gun deach ceisteachain a chleachdadh airson dearbhadh dè an tinneas a bh'air Anton agus gun deach cur às dhan bheachd gu robh e a' fulang le trom-inntinn.

Thuirt e nach robh na deuchainnean iomchaidh airson pàisde, agus thuirt e gu robh e mì-fhortanach gun do rinneadh iad nuair a bha Anton ann an deagh shunnd.

Òganach laghach

Chaidh na seirbheisean èiginn a ghairm gu Sgoil MhicNeacail an dèidh mar a chaidh draghan a thogail mu Anton Michael air 12mh den Dùbhlachd 2017.

Ann am brath-naidheachd an ath là, thuirt an sgoil gur e fear òg snog a bh'ann air an robh spèis aig luchd-teagaisg agus clann-sgoile.

Chuir e gu mòr ri obair na sgoile, thuirt iad, agus thug a bhàs buaidh mhòr air luchd-obrach agus sgoilearan.

Chaidh taing a thoirt do luchd-obrach nan seirbheisean èiginn airson na rinn iad gus a bheatha a shàbaladh.

Bha seirbheis-chomhairleachaidh, nam measg loidhne fòn 24 uair de thìde, ri faotainn dhan luchd-obrach agus na sgoilearan.

Chan eil teaghlach Anton airson càil a ràdh mun chùis-lagha a thòisich iad an aghaidh NHS nan Eilean Siar.

Ma tha sibh feumach air taic agus fiosrachadh gheibh sibh sin air BBC Action Line.