City Fibre
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Bann-leathainn fìor-luath 'son Inbhir Nis

28 An t-Iuchar 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

Chaidh dhearbhadh gum faigh gach togallach ann an ceithir bailtean deug eile bann-leathainn fìor-luath 's na bliadhnaichean air thoiseach oirnn agus tha baile Inbhir Nis nam measg.

Fàgaidh sin gum bi 26 baile air feadh Bhreatainn leis an t-seirbheis ùir.

Tha luchd-leasachaidh ag ràdh gum bi e na bhrosnachadh mòr do ghnìomhachasan agus gun toir e piseach air seirbhisean digiteach.

Seo an tè-naidheachd againn, Shona Nic a' Phiocair, le barrachd.