Fosgladh an tuath-ghaoithe aig muir as motha an Alba

Tuagh-Gaoithe Mara Beatrice Image copyright BOWL
Image caption 'S e Beartrice ainm an tuath-ghaoithe aig muir far chosta Ghallaibh

Tha am Prionnsa Teàrlach air Tuath-Gaoithe mara Beatrice fhosgladh gu h-oifigeil.

Tha Tuath-Gaoithe Beatrice suidhichte mu ochd mìle far chladach Inbhir Ùige ann an Gallaibh, agus tha e comasach air cumhachd gu leòr a chruthachadh a chumadh dealan ri 450,000 dachaigh.

Chaidh am pròiseict, a chosg £2.65b, agus anns a bheil 84 crainn, a chur gu dol sa Chèitean, agus chruthaich e 588 MW de dhealan.

'S e an sgeama fa leth as motha a tha a' cruthachadh dealain ath-nuadhachail ann an Alba.

'S e SSE Renewables a' phrìomh chompanaidh os cionn na h-obrach ann an co-bhanntachd le Copenhagen Infrastructure Partners agus Red Rock Power Earranta.

Image copyright BOWL
Image caption Chaidh na crainn a chur an sàs thairis air trì bliadhna

Thòisich an obair-togail sa Chèitean 2016 agus thuirt SSE gun deach a chrìochnachadh nuair a bha còir agus fon bhuidseat de £100m.

Chaidh togalaichean, nam measg feadhainn a dhealbh Thomas Telford, a dhèanamh an-àirde ann an Inbhir Ùige mar phàirt den sgeama, agus gheibh suas ri 90 duine obair a' coimhead as dèidh agus a' ruith an tuath-ghaoithe airson an 25 bliadhna a bhios e a' dol.

Thadhail am Prìonnsa Teàrlach air na h-oifisean sa bhaile airson fosgladh foirmeil an leasachaidh a chomharrachadh Diluain.

Tha an dealan a chruthaicheas Beatrice a' falbh às tro chàballan fon mhuir agus fon talamh mus tig e gu tìr faisg air Baile Chè ann am Moireibh, agus a' ceangal ri fo-stèisean Blackhillock.

Obair Iongantach

Thuirt Claire Mack, àrd-stiùiriche Scottish Renewables, gun robh meud na pròiseict dha-rìribh iongantach.

"'S ann ann an Alba a tha an cairteal cuid de na cothroman gaoithe aig muir san Roinn Eòrpa, agus 's e aon de na ciad cheumanan airson buannachd fhaighinn às an sin a th' ann am Beatrice," thuirt i.

"Chì sinn na buannachdan a thig à leithid de sgeama a thaobh chosnaidhean agus ath-bheòthachadh choimhearsnachdan mar as motha a leanas an obair airson barrachd phròiseictean a thoirt gu buil.

"Leis an taic cheart bhon Riaghaltas, agus bho chompanaidhean sa ghnìomhachas a tha a' tabhann chùmhnantan cothromach agus reusanta agus a' dèanamh obair mhath, soirbhichidh gnìomhachas nan tuathanasan-gaoithe aig muir an Alba a' dèanamh cinnteach gun coinnich sinn ri targaidean na Cruinne a thaobh atharrachadh na gnàth-shìde agus a' cruthachadh siostaim chumhachd le cumhachd ath-nuadhachail aig a' chridhe."

Image copyright Bowl
Image caption Chaidh am fear mu dheireadh dhe na 84 crainn a chur ann sa Chèitean

Chaidh am fear mu dheireadh de na 84 crainn a chur suas sa Chèitean.

'S e sgeama Beatrice an ceathramh tuath-gaoithe aig muir as motha san t-saoghail, le dìreach dà phròiseict eile ann an Sasainn agus aonan far chosta na h-Òlaind a tha a' cruthachachadh barrachd dealain.

Tha na crainn aig Beatrice ann an uisge nas doimhne, ge-tà, le bunaitean concreit sa bheil mu 1,000 tunna de chuideam a chaidh a chur ann an uisge cho domhain ri 56 meatair.

Na bu thràithe air a' mhìos seo, chaidh ainmeachadh gun deach an ìre as motha riamh de dhealan a chruthachadh bho thuathan-gaoithe ann an Alba sa chiad leth de 2019.