Iarrtas airson ionad-ionnsachaidh slàinte am Port Rìgh

Flòdigearraidh
Image caption Thathar airson cur ri sgilean luchd-meidigeach agus luchd-cùraim san t-seirbhhis slàinte air an tuath

Thathar ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba ionad a stèidheachadh ann am Port Rìgh a bhios a' coimhead gu sònraichte air seirbheisean slàinte air an tuath.

Mhol Sir Lewis Ritchie san aithisg aige air seirbheisean slàinte san Eilean Sgitheanach, Loch Aillse agus Iar-Dheas Rois an-uiridh gun deadh leithid de dh'ionad a chur air bhonn.

Thuirt e gum b' urrainn dhan sgìre a bhith na h-èisimpleir air mar is còir seirbheisean slàinte a thoirt seachad ann an sgìrean dùthchail, agus gum bu chòir do dh'ionad shàr-sgilean agus ionnsachaidh a bhith ann.

Gheibheadh dotairean, nursaichean, luchd-cùraim de gach seòrsa agus daoine eile a tha an sàs ann san t-seirbheis slàinte oideachadh ann a bhith a' toirt seachad cùraim ann an sgìrean dùthchail.

CothromanCosnaidh

Thuirt an Comh. Raghnall MacDhòmhnaill: "'S e am moladh againn gum bi àìte an seo san Eilean Sgitheanach ach chan ann a-mhàin dhan eilean a bhios e - bidh buannachdan ann do sgìrean dùthchail eile an Alba à Ionad Nàiseanta airson Seirbheisean Cùraim.

"Fhuair mi misneachd an dèidh do Shir Lewis Ritchie tilleadh sa Chèitean a dh'fhaicinn mar a bha e a' dol a thaobh a bhith a' cur mholaidhean na h-aithisge aige an gnìomh, agus thuirt e gur e adhartas dha-rìribh a bhiodh ann nam b' urrainn do dh'ionad ionnsachaidh mar seo a bhith ann airson a h-uile càil a mhol e a thoirt ri chèile," thuirt Mgr MacDhòmhnaill.

Thathar a' moladh mòr-ionad ann am Port Rìgh le ionadan beaga sgapte air feadh an Eilein Sgitheanaich agus Loch Aillse a bhios uile ag obrachadh còmhla airson trèanadh a thoirt seachad, le cothroman cosnaidh na chois.

Chaidh iarrtas a chur gu Riaghaltas na h-Alba ag iarraidh gun tèid leithid de ghoireasan a stèidheachadh. Chan eil fhios dè dh'fhaodadh e cosg air a' cheann thall.

Thathas an-dràsta a' lorg mu £900,000 thairis air trì bliadhna airson eòlaichean fhastadh a choimheadas air dè mar a dh'obraicheas leithid de dh'ionaid agus cò ris a bhios e coltach.