Plana uaine nan eilean ga mholadh

Crann-gaoithe Image copyright Getty Images

Le Prìomhaire ùr tha dòchas as ùr ann gum faigh na h-Eileanan Siar taic 'son phròiseactan ath-nuadhachail.

'S e sin beachd Mhurchaidh Mhoirich a tha eòlach air a' ghnìomhachas.

Chuir e fàilte air an naidheachd gu bheil Boris Johnson a' daingeachadh na gheall Theresa May gun tèid cur às do thruailleadh carbon san Rìoghachd Aonaichte ro 2050.

Tha Mgr Moireach a' moladh gun tèid plana sònraichte a dhealbh a' mìneachadh gu soilleir na dh'fhaodadh tachairt sna h-Eileanan Siar.

Bu chòir, tha e ag ràdh, buidheann bhon sgìre a dhol sìos a Lunnainn a choinneachadh ri sgioba Mhgr Johnson agus sealltainn dhaibh am plana aca a thaobh teicneòlais ath-nuadhachail, feuch am faigh iad taic bhon riaghaltas ùr.

Lèirsinn

Tha cuid de Thòraidhean air leigeil fhaicinn gu bheil iad gu làidir an aghaidh thuathan-gaoithe air tìr agus 's iad leasachaidhean dhen t-seòrsa sin as motha a tha san amharc sna h-Eileanan Siar.

Ach am beachd Mhgr Mhoirich tha cumhachd na gaoithe air tìr sna h-eileanan eadar-dhealaichte ri cumhachd na gaoithe air tìr ann am meadhan Shasainn.

"Tha iad fhèin air aideachadh gu bheil... "island wind" na rud tha iad deònach gabhail ris."

Na bheachd, 's e a tha dhìth gun tèid spionnadh as ùr a chur san obair aig ìre ionadail airson dèanamh cinnteach gum bi na h-Eileanan air thoiseach air sgìrean eile nuair a thig e gu bhith a' cur air adhart phròiseictean ath-nuadhachail agus a bhith a' faighinn buannachd as an teicneòlas uaine às adhartaiche a th'ann.

"'S e plana sònraichte a bhith ann airson nan Eilean a thaobh còmhdhail, a thaobh hàidreaidean, a thaobh cumhachd ath-nuadhachail san fharsaingeachd agus an uairsin sin a thoirt thuca agus bruidhinn riutha mu dheidhinn agus gu sònraichte a' dol le puingean làidir a tha comasach air a bhith air an gabhail leotha," mhìnich Mgr Moireach.

Tha e a' moladh gur e an ath cheum a bhiodh ann às dèidh sin cuireadh a thoirt do riochdairean Mgr Johnson thighinn dha na h-Eileanan Siar gus am faic iad fhèin na cothroman a th'ann.