Binn prìosain airson ionnsaigh "bhrùideil"

Richard Finnis Image copyright Police Scotland
Image caption Thug Ridseard Finnis ionnsaigh air Ms Gallagher le sgithinn càise san robh da bhior

Chaidh binn naoi bliadhna 's trì mìosan air Ridseard Finnis, a shàth tè air an robh e uair a' suirghe na dachaigh an Inbhir Nis.

Thug Ridseard Finnis ionnsaigh air Helen Gallagher, 30, aig an flat aice ann an Inbhir Nis sa Ghearran.

Bha Ms Gallagher dìreach an dèidh fras a ghabhail nuair a mhothaich i do Finnis aig na dorsan glainne aice diogan mus tug e ionnsaigh oirre.

Chleachd Finnis sgian càise san robh dà bhior airson ionnsaigh "bhrùideil agus bhorb", am facail a' bhritheimh, a thoirt oirre.

Chaidh aig Ms Gallagher ri teicheadh ged a bha i còmhdaichte le fuil, agus chaidh i gu doras nàbaidhean a' sireadh taice.

Theich Finnis, a bha uair a' cluiche don sgioba Strathspey Thistle ann an Lìog Ball-Coise na Gàidhealtachd, bhon làraich, ach fhuaireadh e am falach ann an coile faisg air Inbhir Nis beagan làithean an dèidh làimhe agus an dèidh iomairt mhòir airson a lorg.

Chaidh binn naoi bliadhna agus trì mìosan air aig an Àrd-Chùirt ann an Glaschu Diluain. Bha e air aideachadh roimhe gur e a thug an ionnsaigh.

A' toirt seachad na binne, rinn am britheamh, Am Morair Mullholland, moladh air cho treun 's a bha Ms Gallagher.

Image copyright Police Scotland
Image caption Theich Finnis bho làrach na h-eucorach ach chaidh fhaighinn beagan làithean an dèidh làimhe

"Fortanach tighinn beò as"

A' bruidhinn ri Finnis thuirt e gun deach e ann a dh'aona-ghnothaich airson cron a dhèanamh agus chan e rud a rinn e gun smaoineachadh air ro làimhe.

"Bha sibh a' miannachadh a goirteachadh gu dona. 'S e rud mì-chalma dha-rìribh a bh' ann ionnsaigh a thoirt air boireannach aig nach robh comas i fhèin a dhìon.

"Cha do rinn i càil airson seo a thoirt oirre fhèin. Bha i fortanach gun tàinig i às le a beatha.

Thuirt Poileas Alba gum biodh Finnis, a bhuineas do dh'Inbhir Nis, tric a' leantainn a sheann chompanaich agus a' feuchainn ri a ceannsachadh mus tug e an ionnsaigh "bhorb" oirre.

Thuirt an Det Insp Eddie Ross: "Chaidh a fàgail air a leòn gu fìor dhona agus tha na dh'fhuiling i a' toirt buaidh oirre fhathast.

"Tha sinn an dòchas gum bi breith na cùirteach na fhaochadh dhi gu ìre, ged a dh'fhaodadh nach fhaigh i seachad a chaoidh air an dochann a thug Finnis dhi.

"Feumaidh Finnis a-nis a bhith beò leis an rud uabhasach a rinn e," thuirt e.