Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

29 An t-Iuchar 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

Boris Johnson

Tha Boris Johnson ann an Alba an-diugh airson a' chiad uair mar Phrìomhaire, 's foillsichidh e £300m de thaic-airgid do choimhearsnachdan ann an Alba, Èirinn a Tuath agus anns a' Chuimrigh. Tha dùil cuideachd gum bruidhinn e air ceanglaichean a tha a' glèidheadh na Rìoghachd Aonaichte. Coinnichidh e fhèin agus ceannard nan Tòraidhean an Alba, Ruth Davidson, a tha ag ràdh nach urrainn dhise taic a chur ri plana Mhgr Johnson airson Bhrexit gun aonta, mura gabh aonta dèanamh ro dheireadh na Damhair.

Brexit

Thuirt ceannard an SNP an Westminster, Ian Blackford, an-diugh, gu bheil Buill-Phàrlamaid fhathast air chothrom stad a chur air Brexit gun aonta.

Thuirt Rùnaire nan Dùthchannan Cèine, Dominic Raab, gun tèid aig an Riaghaltas fhathast air deagh aonta Bhrexit fhaighinn cho fad 's gun sguir an t-Aonadh Eòrpach a bhith cho fada nam barraill fhèin. Thuirt e gun deach cabhag a chur ris an ullachadh airson Bhrexit gun aonta airson sealltainn gu bheil Breatainn ag amas air falbh aig deireadh na Damhair.

Vauxhall

Thuirt a' chompanaidh Fhrangach dham buin Vauxhall gum faodadh iad cùl a chur ris an fhactaraidh chàraichean aca ann an Cheshire ma bheir Brexit droch bhuaidh air an obair an sin. Tha còrr agus 1,000 duine ag obair aig Vauxhall ann an Ellesmere Port.

Hong Kong

Chuir Sìona taic a-rithist ris an Riaghaltas ann an Hong Kong an dèidh deireadh-seachdain eile de dh'àimhreit air na sràidean agus feadhainn a' togail fianais air taobh dheamocrasaidh. Thuirt Sìona gum feum na h-ùghdarrasan ann an Hong Kong a bhith trom air an fheadhainn a tha a' piobrachadh na h-àimhreit.

Kim Gordon

Thuirt Poileas Alba gu bheil iad a' cumail sùil air aithrisean às na Stàitean Aonaichte gun deach fear à Inbhir Nis a chur an grèim ann am Monteray ann an California. Tha sreath chasaidean airson èigneachaidh an aghaidh Kim Gordon, no Kim Avis, an Alba. Thuirt na h-ùghdarrasan sna Stàitean Aonaichte gu bheil fireannach a tha 55 an grèim, agus gu bheil iad a' feitheamh ri èisteachd laghail airson a thilleadh a Bhreatainn.

Jean Hanlon

Thuirt càirdean boireannach à Dùn Phris a bha a' fuireach ann an Crete gun do dh'fhosgail na h-ùghdarrasan anns a' Ghrèig rannsachadh às ùr mu a bàs. Chaidh corp Jean Hanlon, a bha 53, a thoirt às a' mhuir ann an 2009. Thàinig a' chiad rannsachadh dhan cho-dhùnadh gun deach a bàthadh. Ach thuirt an dàrna rannsachadh gun robh lotan air a bodhaig den t-seòrsa a bhiodh air cuideigin a bh' ann an strì.

Ryanair

Bha lùghdachadh còrr is an còigeamh cuid ann am prothaidean Ryanair air a' chiad thrì mìosan den bhliadhna-ionmhais seo, agus iad a' tuiteam gu £219m. Thuirt Ryanair gur e faraidhean saora agus cosgaisean nas motha airson connaidh agus luchd-obrach as motha a thug buaidh orra.