Fhuaireadh fear a bha na Poilis a' sireadh

Luchd-teasairginn aig Tràigh Mhonastery Image copyright KSBW
Image caption Bha an luchd-teasairginn a-muigh fad trì làithean a' feuchainn ri lorg fhaighinn air Kim Gordon an dèidh dha a dhol à sealladh

Chuir na Poilis sna Stàitean Aonaichte an grèim fear bhon Ghàidhealtachd a chaidh à sealladh agus casaidean eucorra na aghaidh.

Sgaoil na Poilis ann an Alba barrantas airson Kim Avis, 55, a chur an grèim an dèidh mar a dh'fhaillich air nochdadh san Àrd Chùirt ann an Dùn Èideann fo 24 casaidean, nam measg casaidean èigneachaidh agus ionnsaighean feiseil.

Chaidh fios a chur chun nan ùghdarrasan gun robh Mgr Avis, à Inbhir Nis, a dhìth sa Mhàrt an dèidh mar a chaidh e, a rèir choltais, a shnàmh aig Tràigh Mhonastery ann an Carmel, California.

Thòisich iomairt airson lorg fhaighinn air Avis, a tha cuideachd ainichte mar Kim Gordon, san robh maoir-chladaich na sgìre, dròna nam Poileas agus sgioba de dhàibhearan an sàs.

Tha Poilis Mhonteray ag ràdh gun d' fhuaireadh lorg air 1,300 mìle air falbh ann an Colorado Springs.

Èisteachd chùirteach

Chuir fear-labhairt Phoileas Mhonteray teachdaireachd air Facebook: "Thairis air na mìosan, tha na Poilis air a bhith ag obair le Poilis Fheadaralach nan Stàitean Aonaichte, Interpol, agus na h-ùghdarrasan ann an Alba airson barrantas fhaighinn airson Avis a chur an grèim agus a thilleadh a Bhreatainn.

"An t-seachdain seo chaidh, chaidh aig Marasgalan nan Stàitean Aonaichte air lorg fhaighinn air ann an Colorado Springs an dèidh dhaibh aithris fhaighinn sa Mhàrt gun deach Avis fhaicinn ann an Siorrachd Mhonteray a' dràibheadh bhana ghil nas ùire ann an sgìre Big Sur.

"Tha Marsgalan nan Stàitean Aonaichte ga chumail an grèim gus am bì èisteachd sa chùirt ann an Colorado Springs air a' mhìos seo fhathast airson a thilleadh a Bhreatainn."

Thuirt fear-labhairt Poileas Alba: "Tha Poileas Alba mothachail dha na h-aithrisean bho na Stàitean Aonaichte an co-cheangal ri Kim Gordon neo Avis agus tha sinn a' co-obrachadh leis na h-ùghdarrasan aig a bheil gnothach ris a' chùis seo."