Tagradh an aghaidh chìsean parcaidh

Muile bhon bhàt-aiseig Image copyright Eddy Lloyd/Geograph

Tha tagradh laghail ann an Cùirt an t-Seisein an aghaidh phlanaichean Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid cìsean parcaidh a chur an sàs ann am Muile.

Tha luchd-lagha a tha a' riochdachadh mhuinntir an àite ag ràdh gu bheil na cìsean de £9 anns an là mì-laghail, agus gun dèan iad cron air eaconomaidh an eilein.

Chaidh cùis-lagha a thogail an aghaidh Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid mu na planaichean aca gus cìsean parcaidh a thoirt a-steach ann an cuid dè dh'àitichean ann am Muile

Chaidh iarraidh air luchd-lagha bho Aonad Lagha Bhaile a' Ghobhainn cùis-lagha a thogail aig Cùirt an t-Seisein an aghaidh nan cìsean parcaidh aig calaidhean Mhuile.

Bidh muinntir an eilein gu tric a' fàgail nan càraichean aca aig na puirt nuair a tha iad a' falbh air a' bhàta-aiseig, agus tha iad ag ràdh gu bheil £9 gach là a' ciallachadh nach dèan iad sin tuilleadh.

Ann an litir chun na Comhairle, tha an sgioba-lagha ag ràdh nach robh co-chomhairleachadh ann idir agus nach deach beachdachadh air gearainean mhuinntir an àite - agus gu bheil sin mì-laghail.

Thuirt am fear-lagha tagraidh Mike Daily gu bheil e dòchasach nach bi feum a dhol dhan chùirt, agus gun aontaich gach taobh air an t-slighe as fheàrr air adhart

Tha Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid air a ràdh gu bheil iad a' beachdachadh air an fhiosrachadh a chaidh a chur thuca.