Breithneachadh ann an cùis tharbh Bheàrnaraigh

Tarbh Gàidhealach Image copyright Getty Images

Tha croitearan a chaidh a thoirt gu lagh mu throimhe-chèile a thaobh tairbh is feansaichean air a' chùis aca a bhuannachadh.

Bhathas a' sireadh chosgaisean £20,000 bho Dhàibhidh is Janine Hargreaves, a bha uaireigin a' fuireach ann an Circebost, Beàrnaraigh Leòdhais.

Ach, thaobhaich an siorram leis a' chupall aig a' cheann thall.

Chaidh an toirt gu cùirt ri linn mar a bha an tarbh Gall-Ghàidhealach aca a' faighinn tarsainn an fheansa gu lot an nàbaidhean, aig an robh treud glan de chrodh Ghàidhealach.

Thog na nàbaidhean aca, Bernard is Kathleen Allen, cùis-lagha aig Cùirt an t-Siorraim ann an Steòrnabhagh ag iarraidh airgid-dhìolaidh £20,000.

Thuirt Kathleen Allen gur e dleastanas nan Hargreaves am feansa a chumail dìonach, agus leis nach do rinn iad sin b' fheudar dhi fhèin feansa anns an robh ochd troighean de dh'àirde a chur suas 'son stad a chur air an tarbh bho bhith a' tighinn a-nall.

Aig an aon àm chaidh Ozzy, an tarbh Belted Galloway a bha aig na Hargreaves, agus Calum Ruadh - tarbh Gàidhealach a bha aig Kathleen Allen air iasad - a shabaid, agus gheàrr adhairc Chaluim Ruaidh Ozzy.

Bha Kathleen Allen cuideachd feargach gun do dh'fhàg Ozzy laoigh Ghall-Ghàidhealach aice agus i ag amas air sprèidh Ghàidhealach a bhriodadh.