Cobhair air dithis air bac gainnmhich

Chaidh cobhair a dhèanamh air dithis bhalach oidhche Luain a bh' air bac gainnmhich faisg air Inbhir Narann nuair a chaidh an gearradh dheth leis an làn.

Chaidh bàta-teasairginn Inbhir Ghòrdain, agus bàta-teasairginn luath à Inbhir Èireann, agus sgioba mhaor-cladaich a chur chun na làraich mu 11:00f.

Thugadh na balaich gu sàbhailteachd an dèidh mheadhan-oidhche, 's rinn luchd-eiridinn cinnteach gun robh iad ceart gu leòr aig an làraich.

Chan eil fhios aig an ìre seo dè an suidheachadh anns a bheil na balaich.