Sàbhailteachd rathaid san Eilean Sgitheanach ga deasbad

Drochaid an Eilein Image copyright Getty Images

Bidh àrd-ofigich bho Chòmhdhail Alba san Eilean Sgitheanach Dimàirt a bhruidhinn mu shàbhailteachd air rathaidean an eilein.

Bidh iad a' coinneachadh ris an tè a thòisich an iomairt "Keep Left", Sharon Anslow.

Chaidh a droch ghoirteachadh an-uiridh nuair a bhuail càr air màl aig luchd-turais a bha a' dràibheadh air taobh cheàrr an rathaid anns a' chàr aicese.

Bidh Ball-Pàrlamaid Albannach na sgìre, Ceit Fhoirbeis, cuideachd aig a' choinneimh le riochdairean buidheann còmhdhail Riaghaltas na h-Alba.

Tha i a' gabhail ris nach ann a-mhàin air Còmhdhail Alba a tha an t-uallach airson dèanamh cinnteach gu bheil fiosrachadh mu bhith a' dràibheadh gu sàbhailte ga sgaoileadh.

Teachdaireachdan iomadh-chànanach

Tha prìomh rathaidean na dùthcha, mar an A82 a tha a' dol tron Eilean Sgitheanach, an urra riuthasan, ach 's ann air Comhairle na Gàidhealtachd a tha an dleastanas airson nan rathaidean eile.

Tha i ag ràdh gu bheil e cudromach gum bi na buidhnean poblach agus Poileas Alba ag obrachadh còmhla air a' cheist seo, cho math ris na companaidhean a tha a' cumail fiosrachaidh ri dràibhearan air-loidhne.

"Tha mise air a bhith ag iomairt fad mhìosan airson 's gum bi am fiosrachadh ann.

"Aig a' choinneimh tha mi cinnteach gum bi rudan eile ann, mar eiseimplir cho luath 's a tha na dràibhearan a' dol aig Sgonnsair, agus tha mise a' toirt taic dha na daoine a th' airson 's gum bi dràibhearan a' dràibheadh beagan nas slaodaiche," thuirt Ms Fhoirbeis.

Thòisich Còmhdhail Alba iomairt nàiseanta as t-Samhradh seo le bhith a' fàgail bhileagan agus phostairean ann an taighean-òsta agus aig oifisean chompanaidhean chàraichean ann an diofar chànanan do luchd-turais.

Tha fiosrachadh ann do luchd-tadhail air mar as còir aca a bhith a' dràibheadh air taobh cheart an rathaid.