Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

30 An t-Iuchar 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tuathanaich Chuimreach

Tha am Prìomhaire, Boris Johnson, a' dol dhan Chuimrigh an-diugh a dh'fheuchainn ri tuathanaich an sin a riarachadh nach fhuiling iad le Brexit. Tha ceannardan nan tuathanach a' maoidheadh ar-a-mach ma 's e agus gum fàg Breatainn an t-Aonadh Eòrpach gun aonta. Tha Aonadh nan Tuathanach ag ràdh nach eil an Riaghaltas a' dèanamh gu leòr airson tuathanaich a chuideachadh an-dràsta.

Crathadh na Cìse-Comhairle

Tha aithisg ùr air taigheadas ann an Alba ag iarraidh atharrachaidh mhòir air siostam na Cìse-Comhairle. Tha a' bhuidheann, Resolution Foundation, a' cumail a-mach gur ann air na dachannan as miosa dheth as truime a tha a' Chìs-Chomhairle, agus tha an aithisg ga coltachadh ris a' Chis-Choimhearsnachd a bh' ann mus deach a' Chìs-Chomhairle a stèidheachadh bho chionn 25 bliadhna. Dh'atharraich Riaghaltas na h-Alba a' Chìs-Chomhairle bho chionn ghoirid gus am bi i nas motha air na dachannan as luachmhoire, agus tha dùil ri tuilleadh atharrachaidh fhathast.

Teagamh mu Rannsachadh Poilis

Tha fear a bha na bhritheamh 'san Àrd-Chùirt a' cur teagamh san dòigh san do rannsaich poilis casaidean gun robh luchd-poilitigs agus daoine ainmeil ri drabastachd chloinne. Tha Sir Richard Henriques ag ràdh gur dòcha gun do bhris oifigearan poilis an lagh. Tha Sir Richard, ann an artaigil san Daily Mail, ag ràdh gun robh poilis teaghmach mu Charl Beech, an duine a thog na casaidean, ach nach do dh'innis iad sin dhan chùirt nuair a dh'iarr iad barrantas rannsachaidh. Chaidh Beech dhan phrìosan an t-seachdain seo 'son casaidean brèige a thogail.

Centrica

Bidh ceannard Centrica, dham buin British Gas, a' fàgail na dreuchd an ath-bhliadhna. Bha call faisg air £450m air a' bhuidhinn air a' chiad shia mìosan den bhliadhna. Thuirt an ceannard, Iain Conn, gur e an casg air prìsean a stèidhich riaghaltas Theresa May as coireach, agus gu bheil e an dòchas gum bi Boris Johnson nas coibhneile do ghnìomhachas.

Sàbhailteachd Rathaidean Sgitheanaich

Tha àrd-oifigich bho Chòmdhail na h-Alba gu bhith anns an Eilean Sgitheanach an-diugh a' deasbad sàbahailteachd air rathaidean an eilein. Tachraidh iad air ball na sgìre ann am Pàrlamaid na h-Alba, Ceit Fhoirbeis, agus air Sharon Anslow a chuir air bhonn an iomairt 'Keep Left.' Chaidh ise a dhroch ghoirteachadh an-uiridh nuair a bhuail càr air màl aig luchd-turais, a' dràibheadh air taobh cheàrr an rathaid, anns an chàr aicese.

Cìsean Parcaidh

Chaidh litir gu Comhairle Earra-Ghàidheil 's Bhòid ag iarraidh cur às dhan phlana airson cìsean parcaidh ann am Muile. Mura dèan a' Chomhairle sin tha luchd-lagha dhan dà chomhairle choimhearsnachd ann am Muile 's Eilean Ì a' maoidheadh a' Chomhairle a thoirt dhan chùirt.