Atharrachadh maoineachaidh àiteachais ga iarraidh

Tuathanas

Tha buidhean de Bhuill-Phàrlamaid ag iarraidh gun tèid tòrr a bharrachd maoineachaidh a thoirt do thuathanaich agus do chroitearan ann an Alba, ge b' i dè an t-aonta a thèid a ruighinn a thaobh Bhrexit.

A-rèir Comataidh nan Gnothaichean Albannach ann an Westminster, chan eil an siostam a tha an-sàs an-dràsta freagarrach dhan ghnìomhachas ann an Alba, agus bu chòir do Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte Brexit a chleachdadh mar dhòigh air riaghailtean maoineachaidh àiteachais a leasachadh.

Thuirt a' Chomataidh nach eil tuathanaich agus croitearan ann an Alba a' faighinn maoineachaidh gu leòr ri linn Poileasaidh Coitcheann an Àiteachais (CAP).

Thathas a' moladh siostaim ùir - anns am biodh na tha dùthaich a' faighinn de mhaoineachadh an urra ris na th'aca de thalamh neo-fhàbharach.

Le siostam den t-seòrsa seo, thathas den bheachd gum faigheadh tuathanaich agus croitearan aig a bheil an t-uabhas dùbhlain ri linn far a bheil iad, barrachd taice na gheibheadh feadhainn aig a bheil nas lugha de dhùbhlain.

Chaidh an Riaghaltas cuideachd a chàineadh a thaobh gainnead le luchd-obrach àiteachais ann an Alba.

Tha Buill-Phàrlamaid airson 's gun tèid an àireamh de luchd-obrach ràitheil àrdachadh bho 2,500 gu 10,000, agus gun tèid fàilte a chur air duine sam bith a tha airson a thighinn a dh'obair san dùthaich, seach a-mhàin feadhainn aig a bheil an t-airgead airson iarrtas a chur a-steach.