Aiseagan hydrogen nas saoire na bha dùil

Crann-Gaoithe

Sheall rannsachadh ùr gum biodh e na bu shaoire agus na b'fhasa bàtaichean-aiseig a ruith a tha a' cleachdadh hydrogen bho thuathan-gaoithe nan Eilean Siar na bhathas an dùil an toiseach.

Tha an rannsachadh, a chaidh a dhèanamh do dh'Urras an Rubha agus Shanndabhaig, ann an co-bhann le buidhnean cumhachd agus aiseig eile, a' coimhead ri mar a ghabhadh connadh hydrogen, nach eil a' leigeil ghasaichean càrboin ma sgaoil dhan àrainneachd, a chleachdadh air diofar shlighean.

Sheall an rannsachadh ri cosgaisean nan innealan electrolyser a bhiodh a dhìth, cosgais stòraidh agus gluasaid an hydrogen a dheadh a chruthachadh, agus dè cho tric 's a dh'fheumadh aiseagan a bhith air an lìonadh le connadh am measg eile, gus na slighean as freagarraiche air lìonra Chaleonian Mhic a' Bhriuthainn an-dràsta a lorg.

Fhuair an rannsachadh gun gabhadh bàt-aiseig bheag air an t-slighe eadar Barraigh agus Èirisgeigh a ruith le hydrogen bho dìreach aon chrann-gaoithe.

Airson bàt-àiseig mhòir, air an t-slighe eadar Ulapul agus Steòrnabhagh, dh'fheumadh an cumhachd bho 15 crainn-ghaoithe a bhith air a thionndadh gu hydrogen airson na slighe a fhrithealadh.

Cha bhi cumhachd hydrogen a' leigeil ma sgaoil ghasaichean millteach, agus mar sin, tha buannachdan mòra ann don àrainneachd.

Fhuair an rannsachadh cuideachd gun robh a' bheàrn ann an cosgaisean ola a dh'fheumar a thoirt a-steach agus hydrogen a bha ga chruthachadh gu h-ionadail nas lugha na bhathas an dùil.

An-dràsta, tha diesel mara a' cosg 5sg gach uair kilowatt, ach bhiodh hydrogen eadar 9sg agus 12sg gach uair kilowatt fiù 's nam faigheadh iad lasachadh bho Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte.