Dùil ri togalach ùr do dh'Urras Oighreachd Ghabhsainn

Seann thogalach Urras Oighreachd Ghabhsainn
Image caption Rinn teine sgrios air an t-seann togalach a bh' aig an Urras anns a' Ghearran am-bliadhna.

Tha dùil gun tòisich an obair air togalach ùr Urras Oighreachd Ghabhsainn ann an Leòdhas as t-Earrach no as t-Samhradh an ath-bhliadhna, agus gum bi e fosgailte ro dheireadh na bliadhna.

Rinn teine sgrios air togalach a bha aca, anns a' Ghearran am-bliadhna.

Tha companaidh ailltireachd à Cataibh os cionn a' phròiseict.

"'S e togalach gu tur ùr a th' ann air sgàth nach eil bioran air fhàgail den togalach a bha ann," thuirt cathraiche an Urrais, Agnes Rennie.

"Chan eil càil ann ach an làrach, ach 's ann anns an fhìor-làrach a thèid an togalach ùr a thogail.

"Tha sinn a' coimhead ri togalach a bhios freagarrach airson an luchd-obrach a th' againn, ach cuideachd, coltach ris an togalach a bha ann, togalach a bhios freagarrach airson diofar ghnothaichean a chur air adhart aig an Urras fhèin, agus cuideachd togalach a bhios feumail dhan choimhearsnachd," thuirt i.