Comann Eachdraidh do Cheann a Deas na Hearadh

An t-Òb
Image caption 'S e an t-Òb prìomh bhaile cheann a deas na Hearadh

Chaidh comann eachdraidh a stèidheachadh ann an Ceann a Deas na Hearadh, agus thathar ag iarraidh air daoine san sgìre stuth a thoirt seachad don taigh-tasgaidh a bhios ann.

Chaidh Comann Eachdraidh na sgìre a chur air bhog gu h-oifigeil aig Fèill Àiteachais na sgìre Dimàirt.

Tha buill a' chomainn airson taisbeanadh de ghnothaichean eachdraidheil a chruthachadh ann an togalach sgoile a tha gu bhith fo shealbh na coimhearsnachd.

'S e gu bheil an sluagh air crìonadh agus nach eil a' choimhearsnachd cho làidir agus a b' àbhaist fear dh na h-adhbharan gu bheil iad cho fada air dheireadh air sgìrean eile ann an bhith a' stèidheachadh comainn eachdraidh, am beachd Hamish Mhic an Tàilleir, fear de bhuill a' chomainn ùir.

Tha iad air tòiseachadh mar-thà air gnothaichean a chruinneachadh ach tha iad a' sireadh stuth a bharrachd airson an taisbeanaidh a bhios aca.

"Dealbhan, nì sam bith ri dhèanamh ri croitearachd, obair taighe, iasgach, rud sam bith eile. A h-uile taigh, seada agus lobht aca, tha rudan am falach agus tha rudan air chall sna h-àiteachan an sin. Nuair a rannsaicheas tu na h-àiteachan sin 's iomadh rud a lorgar ann, agus cuireamaid gu feum e," thuirt Mgr Mac an Tàilleir

Image caption Tha an Comann Eachdraidh ùr a' cruinneachadh ghnothaichean a bha uair gan cleachaddh gu bitheanta

Eachdraidh iongantach

'S iad prìomh bhailtean Cheann a Deas na Hearadh an t-Òb agus Roghadal far a bheil Eaglais Chliamain, tè de na h-eaglaisean as grinne bho na meadhan aoisean a tha fhathast a' seasamh an Alba.

'S e Leverburgh ainm an t-Òib sa Bheurla, an dèidh a' Mhorair Leverhulme, am fear-gnothachais Sasannach leis an robh uair Leòdhas agus na Hearadh.

Thug esan seachad airgead airson rathaidean, taighean agus cidhichean sna 20an, agus chaidh an t-Òb na phort iasgaich cudromach.

Rugadh an t-ùghdar, Fionnlagh J. Dòmhnallach, ann an Sgarasta far a bheil an-diugh Raon Goilf na Hearadh. Sgrìobh esan leabhraichean àbhachdach agus beòthail mu bhith a' fàs suas air an eilean tro na 30an.