Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

31 An t-Iuchar 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

Còmhraidhean Stormont

Tha Boris Johnson a' cumail chòmhraidhean ris na prìomh phàrtaidhean poileaitaigeach ann an Èirinn a Tuath an dèidh dha gealltainn gun dèan e a dhìcheall fèin-riaghladh a thilleadh gu Seanadh Stormont. Tha Sinn Féin ag ràdh nach urrainn do Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte a bhith cothromach sa chùis oir gu bheil iad a' cròchadh air aonta leis an DUP ann an Westminster.

Taic-airgid Àiteachais

Tha Comataidh nan Cùisean Albannach ann an Westminster ag ràdh gum bu chòir do Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte Brexit a chleachdadh mar chothrom air riaghailtean taic àiteachais atharrachadh. Tha a' chomataidh ag ràdh gu bheil sgeama taice an Aonaidh Eòrpaich, Poileasaidh Choitcheann an Àiteachais, a' fàgail thuathanach agus chroitearan ann an Alba a' faighinn nas lugha de dh'airgead na bu chòir dhaibh. Tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte ag ràdh gum faigh an gnìomhachas ann an Alba aonta nas fheàrr an dèidh Bhrexit.

Spreadhadh ann an Sealtainn

Chaochail boireannach agus chaidh deugaire a ghoirteachadh an dèidh spreadhadh ann an Sealtainn an-dè. Chaidh am boireannach, a bha 84, a thoirt dhan ospadal ann an Lèaruig ach chaochail i an sin. Cha deach an deugaire a leòn gu dona. Tha poilis agus luchd-smàlaidh a' rannsachadh na thachair, ach thuirt iad nach eil iad den bheachd gu bheil dad amharasach ann.

Pròiseictean Còmhdhail

Thèid £60m a chur ri pròiseictean còmhdhail ann an Alba a bheir air daoine barrachd eacarsaich a dhèanamh. Thuirt Ministear na Còmhdhail, Mìcheal MacMhathain, gu bheil an t-airgead ag amas air an leithid slighean coiseachd agus baidhseagail. Bidh esan ann am Peairt an-diugh ag innse dè na pròiseictean a gheibh taic.

Seirbheisean Aiseig

Tha Comhairle nan Eilean Siar cho mì-thoilichte leis na seirbheisean aiseig agus gum bruidhinn iad air an urrainn dhan ùghdarras fhèin dad a dhèanamh 'son bàtaichean fhastadh. Leig a' Chomhairle fhaicinn do sheirbheisiche chatharra ann an Steòrnabhagh an-dè gu bheil Riaghaltas na h-Alba air an leigeil sìos, eadar bàtaichean a tha a' briseadh agus seirbheisean a tha cho trang agus nach urrainn do luchd-siubhail àite fhaighinn orra. Thuirt Cathraiche Comataidh na Còmhdhail aig a' Chomhairle, Ùisdean Robastan, gu bheil, air a char 's lugha, dà bhàta a dhìth eadar Steòrnabhagh agus Ulapul agus eadar Ùige, an Tairbeart agus Loch nam Madadh.

Tinneas Lyme

'S ann an Alba as bitheanta a tha an tinneas Lyme, a tha mac-an-duine a' togail bho ghartain, seach àite sam bith eile ann am Breatainn. Thàinig luchd-rannsachaidh à Breatainn agus às a' Ghearmailt dhan cho-dhùnadh gu bheil cùisean den tinneas a' sgapadh air feadh na dùthcha agus gur dòcha gu bheil e a thrì umhir nas bitheanta na bha dùil.