Bana-draoidh à Steòrnabhagh air a bheil Hilda

Hilda Image copyright University of Dundee

Rinneadh ath-chruthachadh de dh'aodann bana-draoidh agus beachd ann gun robh i beò ann an Leòdhas ann an Linn an Iarainn.

'S i Karen Fleming à Dùn Èideann, a tha a' dèanamh cùrsa MSc ann an Ealain Forensic & Aithneachadh Aodainn aig Colaiste Duncan of Jordanstone ann an Dùn Dè, a rinn an obair.

Chleachd i claigeann, a bha am measg sia dhiubh a thugadh do Chomann Chlaigeann-Eòlais Dhùn Èideann ann an 1833 agus ris an canar 'Draoidhean Innse Gall', airson ìomhaigh a' bhoireannaich ath-chruthachadh.

Tha an ceann a rinn i à cèir a' sealltainn boireannaich a th' air a fiaclan a chall. Ach theab i a h-uile càil a chall leis an teas mhòr a bh' ann na bu tràithe am-bliadhna.

"B' fheudar dhomh pìosan Hilda, a cluasan mar eiseimpleir, a chumail san fhuaradair airson a' chuid as motha den t-Samhradh.

Image copyright University of Dundee

"Bha agam ri a cumail fionnar sa chàr eadar Dùn Èideann agus Dùn Dè, ceangailte ri mo thaobh. Tha mi cinnteach nach e sealladh a thèid à cuimhne dhaoine a chunnaic e," thuirt Karen.

Bean-uasal

'S e Hilda a thug i oirre agus tha beachd ann gun robh i còrr air 60 bliadhna de dh'aois nuair a bhàsaich i, aois mhath do bhoireannach a bha beò uaireigin eadar 55BC agus 400AD.

San linn ud cha robh dùil aig boireannach gum biodh i beò càil nas fhaide na 30 bliadhna de dh'aois agus tha eòlaichean den bheachd gur e bean-uasal a bh' ann an Hilda le cho aosta 's a bha i aig àm a bàis.

Tha Karen Fleming ag ràdh gun robh na draoidhean boireann cha mhòr co-ionnan leis an fheadhainn fhireann.

"'S e pearsa fìor inntinneach a bh' ann an Hilda mar phròiseact ath-chruthachaidh. Tha e follaiseach bho a claigeann nach robh fiacail air fhàgail na beul nuair a bhàsaich i, rud nach eil na iognadh nuair a smaoinicheas tu air an t-seòrsa bìdhe a bhiodh aig daoine na linn, ach tha e iongantach cho fada agus a bha i beò.

"Sa chumantas bha boireannaich beò gu aois 31 agus tha beachd ann gur ann de na h-uaislean a bhiodh tu nan ruigeadh tu aois mhath ann an Linn an Iarainn," thuirt Karen.

Bidh Hilda ri faicinn aig taisbeanadh de dh'obair còrr air 80 oileanach ann an Dùn Dè eadar 16mh agus 25mh den Lùnadstal.