Puingean do Chàrlabhagh is na Lochan

Lìon

Neartaich Càrlabhagh an suidheachadh aca san treas àite ann an Lìog Leòdhais is na Hearadh oidhche Chiadain nuair a rinn iad an gnothach air Athletic 2-0.

Thàinig na tadhail aig Cnoc a' Choilich sa chiad leth bho Andaidh Moireasdan is Friseal MacLeòid.

Bha cothrom aig Aths faighinn air ais dhan gheama le cairteal na h-uaireach air fhàgail le breab-peanais, ach chuir Gòrdan Craigie stad air an oidhirp.

Ged a tha Càrlabhagh a-nise trì puingean air thoiseach air a' Bhac san treas àite, tha beàrn ann fhathast eadar iad is an Taobh Siar is an Rubha aig mullach na lìge.

Sa gheama eile ann an Lìog Leòdhais is na Hearadh oidhche Chiadain, rinn na Lochan an gnothach air United 4-2.

Chuir Lewis MacCoinnich (2), Iain Moireasdan is Andaidh Moireach na tadhail do na Lochan, is Anndra MacAoidh is Pòl Marshall air an targaid do United.

Tha na Lochan a-nise san t-seachdamh àite is iad air leum os cionn Aths.

Seo mar a tha clàr nan geamaichean ann am ball-coise ionadail anns na làithean ri thighinn:

Dihaoine - 16/08

Lìog Leòdhais is na Hearadh

Am Bac - Nis 6:30f

Disathairne - 17/08

Cuach a' Cho-op - Iar-Chuairt Dheireannach

An Taobh Siar - Na Lochan 3f

Athletic - An Rubha 3f

Cupa Rois - Cuairt Dheireannach

Slèite is an Srath - Caol Àcainn 6f

Lìog an Eilein Sgitheanaich is Loch Aillse

Gleann Eilg - Port Rìgh 6f

Cupa Billy McNeill

Barraigh - Saints an Iochdair 12:30f

Èirisgeigh - Beinn nam Fadhla 4:30f