Brian Haggas a' leigeil dheth a dhreuchd

Clò Hearach

Tha Brian Haggas, a th' air a bhith a' stiùireadh Muileann Clò MhicChoinnich (Muileann Sticky) ann an Steòrnabhagh bho chionn 13 bliadhna, a' leigeil dheth a dhreuchd aig deireadh na mìos.

Tha a h-uile coltas gur ann leis fhathast a bhios Muileann Sticky, ann an Steòrnabhagh, ach 's e luchd-obrach ann an Steòrnabhagh a bhios a' stiùireadh obair na muilne.

Tha trì muilnean fhathast a' dèanamh chlò ann an Leòdhas, ach tha mì-chinnt Bhrexit a' cur bacadh air obair leudachaidh.

Cheannaich Brian Haggas trì muilnean ann an 2006, agus an gnìomhachas ann an cunnart a dhol à bith.

Dhùin e Muileann Shiaboist, agus muileann bheag aig Ceann nam Buailtean air iomall Steòrnabhaigh, agus chosg e na milleanan notaichean ag ùrachadh na h-innealachd ann a Muileann Sticky.

Cheannaich companaidh ùr Muileann Shiaboist fo stiùir Brian Wilson, a chleachd a bhith na mhinistear Riaghaltais, agus ged is e Muileann Sticky as motha, 's e Muileann Shiaboist as motha a tha a' dèanamh de chlò a-nis.

Gheàrr Mgr Haggas na pàtranan gu ceithir, airson seacaidean a dhèanamh dhan chompanaidh eile a bh' aige ann an Yorkshire, Brook Taverner.

Thugadh rabhadh dha gun robh sin a' dèanamh na margaid ro chumhang, agus dh'atharraich e a bheachd 's tha a-nise 16 pàtran aca, a tha iad a' reic ri duine sam bith a tha ga iarraidh.

Tha 28 duine ag obair ann am Muileann MhicChoinnich, a' cur a-mach mu 80 clò san t-seachdain, agus tha iad fhèin a-nise a' dèanamh na h-obrach reic is margaideachd gu lèir.

Ach tha mì-chinnt Bhrexit a' ciallachadh gu bheil na muilnean gu lèir a' feitheamh gu deireadh an Damhair mus beachdaich iad air margaidean ùra.

Tha a' mhuileann cuideachd air a dhol air ais gu seann ainm na muilne, Kenneth MacKenzie Ltd.