Ag ionnsachadh aig sgìre nam bogalaichean

Luchd-obrach saor-thoilleach

Chaidh 13 duine òga bho air fheadh na Roinn Eòrpa a thaghadh le UNESCO 'son obair shaor-thoilleach a dhèanamh air sgìre nam bogalaichean aig Fors an-Àirde ann an ceann a tuath na Gàidhealtachd.

Gheibh iad cothrom ionnsachadh mun àrainneachd agus bidh iad a' cur ris an obair a tha a' dol air adhart gus na boglaichean san sgìre a ghlèidheadh.

'S ann fo bhratach UNESCO, a' bhuidheann a bhios a' cur dìon air dualchas is àitichean luachmhor air feadh na Cruinne, a tha an obair seo.

Image caption Tha a' mhòine cudromach airson a bhith a' stòradh chàrboin

Tha feadhainn air tighinn às an Fhraing, an Danmhairg, Nirribhidh, an Spàinn, a bharrachd air daoine òga às an Rìoghachd Aonaichte fhèin.

Fhad 's a tha iad ann, bidh iad a' gluasad seann chraobhan nach bu chòir a bhith anns na bogalaichean a-mach às le dùil gun cuidich seo am brat-bhoglach.

Pàircean ball-coise

Fo smachd Chomann Rìoghail Dìon nan Eun, tha prìomh sgìrean nam boglaichean a' còmhdachadh 400,000 hectare de thalamh.

'S urrainn dhut 80,000 pàirce ball-coise a chuairteachadh leis na tha de thalamh ann an sgìre Chataibh agus Ghallaibh.

A rèir Chomann Rìoghail Dìon nan Eun tha brat-bhoglach Fors an-Àird am measg nan eisimpleirean as fhèarr de a sheòrsa san t-saoghal air fad.

Thuirt Manaidsear a' phròiseict Caroline Eccles gu bheil an sgìre a' dèanamh feum mhòir a thaobh a bhith a' stòradh chàrboin - rud cudromach ann an saoghal a tha a' blàthachadh.

"Tha a' mhòine a' stòradh chàrboin - tha sin air sgàth 's gu bheil mòine air a dèanamh à seann lusan a tha marbh ach nach eil grodadh air falbh buileach glan.

"Tha na lusan air an dèanamh à càrbon agus tha an càrbon sin anns a' mhòine agus ma tha a' mhòine math, 's ma tha còinneach-bhoglaich air a mullach bidh fiù 's tuilleadh chàrboin ga stòradh," thuirt i.

An-dràsta tha an RSPB ann an co-bhanntachd le buidhnean glèidhteachais eile gus inbhe UNESCO a bhuannachadh airson na h-àrainneachd agus 's ann an cois sin a thàinig am pròiseact obrach saor-thoileach seo.