Rannsachadh muirt deiseil aig Cuaraidh Leanaich

Renee agus Anndra MacRath Image copyright Police Scotland
Image caption Chaidh Renee agus Anndra fhaicinn mu dheireadh anns an t-Samhain 1976.

Tha na Poilis air innse gu bheil iad deiseil le obair-cladhaidh aig Cuaraidh Leanaich 's iad a' rannsachadh na dh'èirich dha Renee NicRath agus a mac Anndra.

Chaidh Renee agus a mac, a bha 3 bliadhna de dh'aois, fhaicinn mu dheireadh ann an 1976.

Thòisich an obair anns a' chuaraidh faisg air Inbhir Nis anns a' Chèitean am bliadhna agus bhon uairsin thathas air còrr 's ceud mìle tonna de pholl 's eile a thoirt às.

Tha an obair a-nis air tighinn gu ceann leis an làraidh mu dheireadh de pholl air falbh às Diardaoin.

A-measg na fhuaireas anns a' chuaraidh bha còrr 's 50 carbad, ged nach eil ceangal sam bith aca sin ris an rannsachadh.

Thuirt an Det. Inspeactair Brian Geddes, a th' air a bhith os cionn an rannsachaidh, gu bheil e cinnteach gum faigh iad lorg air càil sam bith a bhuineas do Renee NicRath neo a mac a th' ann sa chuaraidh.