Casg air carbadan luchd-turais ga iarraidh

Rubha na h-Èist Image copyright Dave Fergusson/Geograph
Image caption 'S e Rubha na h-Èist an t-àite as fhaide an iar san Eilean Sgitheanach, 's bidh e a' tàladh mòran luchd-turais.

Tha daoine à Bhatairsteinn san Eilean Sgitheanach ag ràdh gum feumas casg a chur air bhanaichean-campachaidh a bhith a' siubhal an rathaid-shingilte tron bhaile is iad a' dèanamh air an làraich ainmeil Rubha na h-Èist.

Tha seo às dèidh dhan rathad a bhith dùinte sia uairean de thìde aig deireadh na seachdain, agus carbad de leithid air a dhol far an rathaid.

Tha cuid san àite ag iarraidh stad a chur air càraichean luchd-turais gu lèir a bhith a' siubhail an rathaid.

"Tha cus trafaig air na rathaidean an seo a-nise," thuirt Sam Thorburn a tha a' fuireach 's ag obair san àite.

"Tha muinntir an àite a' faotainn tàire uabhasaich.

"Chan fhaigh iad a-mach às na taighean thall ann am Bhatairsteinn leis an leithid de thrafaig a tha a' dol a-null 's a-nall.

"Mu 3:00f uaireannan, tha gridlock againn, chan eil duine a' gluasad.

"Tha iad a' coinneachadh ri chèile 's chan eil àite far an tèid iad - agus tha iad ùineachan, uairean de thìde a' feuchainn ri fhaotainn seachad air a chèile.

"Tha rùm ann airson parcadh an seo ceart gu leòr, ach nuair a dh'fhalbhas iad 's nuair a thilleas iad chan fhaigh iad a-mach," thuirt e.

Tha dragh san sgìre gu bheil na bhanaichean-campachaidh a tha a' tighinn ann ro mhòr, agus tha cuid ag innse gu bheil an trafaig cho dona 's gu bheil e air dà uair de thìde a thoirt dhaibh 3/4 de mhìle a shiubhal o cheann an rathaid chun an taighe aca.

"Dhèanadh e feum mòr nan cuireadh stad air na campar-bhanaichean," thuirt Mgr Thorburn.

"Tha na càraichean, nì iad rudeigin ris na rathaidean, ach tha na campar-bhanaichean tha iad fada ro mhòr.

"'S ma choinnicheas iad ri chèile chan fhaigh iad seachad air a chèile.

"Tha an uair aca rudeigin a dhèanamh mu dheidhinn," thuirt e.