Là mòr Chupa MhicAmhlaidh

Pàirc Mossfield Image copyright MJ Richardson / Geograph

Bidh e car coltach ri ceum air ais ann an tìm.

Air ais anns na 90an nuair a bha Britpop aig àirde is Tònaidh Blair air stairseach Sràid Dhowning, 's iad Ceann a' Ghiuthsaich is Camanachd an Òbain a bha air thoiseach air càch anns an iomain.

Choinnich na sgiobaidhean tric is minig ann an cuairtean deireannach is ged is e sgioba Bhàideanach a bhuannaich a' mhòr-chuid dhiubh, bha làithean geala aig muinntir an Òbain cuideachd.

Cha tig an aois leatha fhèin, is thuit an dà sgioba air ais mar a chaidh na bliadhnaichean seachad. Thuit Camanachd an Òbain fiù 's a-mach às a' Phrìomh Lìog, is theab Ceann a' Ghiuthsaich an leantainn.

Tha a' chuibhle air a dhol mun cuairt ge-tà, is sgiobaidhean ùra le tàlant gu leòr air tighinn air adhart às an dà àite.

Coinnichidh iad aig Pàirce Mossfield Disathairne is iad gus farpais 'son Cupa MhicAmhlaidh.

'S e duais a tha seo a roinn iad eadarra, gu ìre mhòir, anns na 90an, is Ceann a' Ghiuthsaich co-dhiù tric ga togail tro na 2000an cuideachd.

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Beachd Ùisdein MhicIllinnein

B' e 2010 a bh' ann nuair a thog iad mu dheireadh e ge-tà. Feumaidh sgioba an Òbain a dhol air ais gu 1995 airson an turas mu dheireadh a fhuair iad an làmhan air a' chupa.

Tha an dà sgioba ann an sunnd an-dràsta. Tha Ceann a' Ghiuthsaich a' suidhe aig mullach na Prìomh Lìge is ann an suidheachadh math a buannachadh air ais.

'S e duais mhòr a thogail an ath-cheum dhan ghinealach ùr seo. Ma thig an seusan seo gu ceann is Cupa MhicAmhlaidh is a' Phrìomh Lìog le Ceann a' Ghiuthsaich, faodaidh sinn a ràdh le cinnt gu bheil an cluba air ais.

A thaobh na sgioba Disathairne, 's e a' cheist as motha an till Craig Dawson eadar na puist is ceist ann mu cho fut 's a tha e.

Tha Camanachd an Òbain air iad fhèin a stèideachadh às ùr mar an sgioba as làidire aig deas. 'S e an ath-cheum dhaibhsan duais mhòr nàiseanta a thogail.

Bidh an geama beò air BBC Radio nan Gàidheal is am prògram a' tòiseachadh aig 3:30f.

Chìthear an geama cuideachd air BBC ALBA bho 4f.