Flow Country
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Cùrsa Boglaich ann an Cataibh

16 An Lùnasdal 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

Chruinnich 13 de luchd-obrach saor-thoileach bho air feadh na Roinn Eòrpa ann an ceann tuath na Gàidhealtachd toiseach na seachdain seo.

Tha iad gu bhith a' fuireach aig Fors an-Àird fad cola-deug gus ionnsachadh mun àrainneachd agus gus cur ris an obair a tha a' dol air aghaidh gus na boglaichean anns an sgìre a ghlèidheadh.

Nochd an cothrom fo bhratach UNESCO - a' bhuidheann aig na Dùthchannan Aonaichte a bhios a' cur dìon air dualchas agus àitichean luachmhor.

Tha an aithris seo aig Shona Nic a' Phiocair.