Beachdan gan sireadh air leudachadh RET

Bàt'-aiseig
Image caption Chaidh RET a sgapadh gu 14 slighean a bharrachd o chionn ceithir bliadhna, nam measg Caolas Bharraigh agus Caolas na Hearadh.

Tha Còmhdhail Alba ag iarraidh bheachdan dhaoine is chompanaidhean air an leudachadh a chaidh a dhèanamh air sgeama RET ann an 2015.

Chaidh a sgapadh gu 14 slighean a bharrachd o chionn ceithir bliadhna, nam measg Caolas Bharraigh agus Caolas na Hearadh, le luchd siubhail 's carbadan prìobhaideach a' faighinn fharaidhean nas ìsle air a shàilleabh.

Tha RET ag amas air cosgais siubhail air aiseag nas cothromaiche agus gan dèanamh nas coltaiche ri na chosgadh e an aon astar a dhèanamh air rathad seach muir.

Tha RET air cosgaisean ìsleachadh, ach tha faireachdainn ann gu bheil e cuideachd air aiseagan a dhèanamh cho trang aig amannan den bhliadhna 's gu bheil e gu tric doirbh do dhaoine àite fhaighinn air bòrd fiù s seachdain ron àm.

Tha Còmhdhail Alba a'sireadh bheachdan a-nis bho luchd-fuirich agus gniomhachasan a tha cleachdadh na slighean air an deach RET a chuir ann an 2015.

Tha 14 dhiubh ann, agus tha a' bhuidheann ag iarraidh fiosrachaidh air dè na h-aiseagan a tha daoine a'cleachadh, de cho tric, carson, is dè seòrsa buaidh a tha RET air a thoirt air luchd-siubhail.

Mar eisimpleir, tha iad airson cluinntinn mu dheidhinn dhuilgheadasan ticeadean do chàraichean fhaighinn.

Tha an ceisteachan do mhuinntir an àite an seo, agus tha sgrùdadh fa-leth ann do luchd-gnothachais an seo.