Foghlam Gàidhlig an Glaschu a' fàs

Togalach St James am Baile Ghlaschu
Image caption Taobh a-muigh togalach St James ann an Calton

Tha pàrantan ann an Glaschu toilichte gur ann air taobh sear a bhaile, a-rèir choltais, a bhios an ceathramh sgoil Ghàidhlig 'sa bhaile.

Dhearbh Chris Coineagan, Cathraiche an Fhoghlaim aig Comhairle Baile Ghlaschu, gu bheil iad a'coimhead air làrach anns a' Chalton agus thuirt e gu bheil e cudromach gum bidh cothrom aig daoine air feadh a' bhaile foghlam tro' mheadhan na Gàidhlig fhaighinn dhan cuid chloinne ma tha iad ga iarraidh.

Thòisich mu 150 sgoilear ùr ann an clas 1 ann an Glaschu an teirm seo air feadh na trì sgoiltean a th'ann - ann am Baile Ghobhainn, Finnieston agus Pollokshields.

Tha Comhairle Baile Ghlaschu a' coimhead air adhart ri mar as urrainn dhaibh foghlam tro' mheadhan na Gàidhlig a thabhainn sna 5-10 bliadhnaichean a tha romhainn.

Iarrtas

Chaidh buidhean obrach a chuir air dòigh airson coimhead ri iarrtas airson foghlam Gàidhlig sa bhaile agus airson dèanamh cinnteach gum biodh sin ann airson na bha ga iarraidh.

Tha seirbheis an fhoghlam air tuairmse a thoirt air na bhios a sireadh foghlam tro' mheadhan na Gàidhlig suas chun a bhliadhna 2037. Tha am buidhean obrach ag aontachadh gum biodh e fàbharach dà sgoil fhosgladh sa bhaile anns na bliadhnaichean a tha romhainn. Cho-dhùin am buidheann gun ann an taobh sear a bhaile a bu chòir aon dhiubh sin a bhith.

Chaidh coinneamh a chumail aig toiseach na seachdain le riochdairean bhon chomhairle a' tachairt ri pàrantan is buidhnean eile is iad a' mìneachadh na bha san amharc. Bha Catriona Nic Ìosaig, pàrant à Glaschu, aig a' choinneamh.

"Chan eil moran cothroman aig pàrantan an taobh an ear a bhaile an-dràsta an cuid chloinne a chuir tro' fhoghlam tro' mheadhan na Gàidhlig", thuirt i.

Cothrom

"Chaidh planaichean a shealltainn dha na pàrantan air dè cho mòr sa dh'fhaodadh sgoil ùr a bhith agus gum biodh 12 seòmar teagasg ann an toiseach.

"Ach bhiodh cothrom ann sin a leudachadh bhon a se làrach mhòr a th'ann. 'S e deagh thoiseach tòiseachaidh a bhiodh ann airson taobh sear a bhaile.

"A h-uile àite às a bheil iad air sgoil a chuir, tha daoine air iarraidh an cuid cloinne a chuir ann.

"Bha beàrn ann san taobh tuath agus an taobh an ear agus mhothaich iad sin. Lorg iad diofar làraich far am faodadh sgoil a chuir agus seo an làrach as fheàrr am beachd na comhairle, nam pàrantan agus Comann Nam Pàrant.

"Tha mi smaointinn gun e rud cudromach a th'ann sealtainn gu bheil cothroman ann dhan a h-uile duine 'sa bhaile ge bith càite a bheil thu a' fuireach", thuirt Catriona Nic Ìosaig.

Ùidh

Thug Chris Coineagan, Cathraiche an Fhoghlaim aig Comhairle Baile Ghlaschu seachad beachd airson foghlam tro' mheadhan na Gàidhlig sa bhaile is mar a tha iad a' coimhead air adhart.

"Tha sinn deònach an t-iarrtas a th'ann airson foghlam tro' mheadhan na Gàidhlig a fhreagairt agus a bhith leudachadh na tha sinn a' tabhainn", thuirt Mgr Coineagan.

"Tha sinn a' coimhead ris an taobh an ear bhon nach eil uidhir de dhaoine a' bruidhinn na Gàidhlig sa sgìre sin an-dràsta. Agus a' dèanamh sin, a' tàladh ùidh dhaoine san sgìre mun ear agus mu thuath.

Tha an làrach seo aig St James ann an Calton freagarrach oir tha e mòr gu leòr is gun gabh e leudachadh sna bliadhnaichean a tha romhainn. Agus tha sinn airson gum bidh cothroman aig daoine foghlam tro' mheadhan na Gàidhlig fhaighinn air feadh a bhaile, chan ann dìreach ann am pàirtean dheth.

Làrach

"Cha bhi e furasta tidsearan fhaighinn, tha fhios againn gun e dùbhlan a tha sin. Ach tha sinn mu thràth a' faicinn tidsearan ag obair a thàinig tro' fhoghlam tro' mheadhan na Gàidhlig sa bhaile seo.

"Tha mi ag amharas gur e na tidsearan a chì sinn sam àm ri teachd iadsan a tha a' dol tro' fhoghlam Gàidhlig an-dràsta fhèin sa bhaile.

"Airson làrach St James bidh sin mu 4 gu 5 bliadhna air falbh", thuirt Mgr Coineagan.

Feumaidh sgoil ùr sam bith co-chomhairleachadh reachdail mar phàirt den phròiseas dealbhachaidh.