Inbhe oifigeil do Làrach na h-Iolaire

Iolaire

Thèid an làrach far an deach an Iolaire fodha far chosta Leòdhais aithneachadh gu oifigeil mar uaidh-chogaidh le Ministreachd an Dìon.

Chaill còrr is 200 duine am beatha is iad a' tilleadh dhachaigh às dèidh a' Chogaidh Mhòir, nuair a chaidh am bàta air an robh iad, an HMY Iolaire, fodha faisg air Steòrnabhagh air madainn Là na Bliadhn' Ùire 1919 .

Bhuail am bàta ann am Biastan Thuilm ann an droch shìde faisg air cidhe Steòrnabhaigh.

Bha Comhairle na Eilean Siar agus am BPA Alasdair Allan am measg na tha air a bhith ag iomairt airson dìon oifigeil airson na làraich.

Dìon

Tha an dìon seo mar uaidh-chogaidh a' ciallachadh nach fhaod do dhaoine daibhigeadh mun làraich no pìosan sam bith den bhàta a thoirt bhon ghrunnd gun chead fhaighinn.

Chaidh seirbheis a chumail Là na Bliadhn' Ùire am-bliadhna a' comharrachadh ceud bliadhna bho thachair an tubaist.

Bidh an làrach air a dìon gu h-oifigeil bhon dàrna là den t-Sultain.

Fàilte

Chuir an Comh. Tormod Dòmhnallach, Cathraiche Buidheann Obrach na h-Iolaire, fàilte air an naidheachd às leth na Comhairle.

"Bha sinn aig a' Chomhairle a' faireachdainn gun toireadh an dìon seo cofhurtachd do theaghlaichean an fheadhainn a chaillear agus gun cumar aig fois iad", thuirt Mgr Dòmhnallach.