Tubaist rathaid air Ghàidhealtachd

Rathad Chàrr Image copyright Google
Image caption Thachair an tubaist air Rathad Chàrr faisg air Drochaid Chàrr.

Tha fireannach, 43, ìosal san ospadal às dèidh dha a bhith ann an tubaist le tractar air rathad faisg air Drochaid Chàrr.

Bha an duine a' siubhal air baidhseagal aig an àm.

Thachair an tubaist mu 7.15f Diardaoin.

Chaidh an duine a thoirt a dh'Ospadal an Ràthaig Mhòir agus an uairsin a ghluasad gu Ospadal Rìoghail Obar Dheathain.

Tha Poileas Alba ag iarraidh fiosrachaidh bho dhuine sam bith a chunnaic sian mun tubaist, a thachair faisg air far a bheil Rathad Chàrr a' tachairt ris an A938.

Rannsachadh

Bha an duine air a' bhaidhseagal a' gabhail an taobh an ear agus an tractar a' dol dhan iar.

"Tha sinn a' feuchainn ri fhaighinn a-mach dè dìreach a thachair agus ma tha duine sam bith le fios thigeadh iad thugainn", thuirt an Sàirdseant Dàibhidh Miller.

"Tha sinn ag iarraidh cluinntinn bho dhuine sam bith a chunnaic an tractar no buidheann do dhaoine air baidhseagal, a bh' air an rathad goirid mus do thachair seo", thuirt e.

Chaidh an rathad a dhùnadh ach chaidh fhosgladh a-rithist aig 2.45 madainn Dihaoine as dèidh rannsachadh nam poileas.

Bu chòir do dhuine sam bith le fiosrachadh fònadh gu 101 is àireamh NM1637/19 a thoirt seachad.