Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

23 An Lùnasdal 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

Braisil

Thuirt Ceann-Suidhe na Frainge, Emmanuel Macron, gur e èiginn eadar-nàiseanta a th' anns na teineachan ann an coill-uisge na h-Amazon, agus gum feum a' chùis a dhol gu mullach clàr-ghnothaich àrd-choinneimh an G7 an ath-sheachdain. Tha Ceann-Suidhe Bhraisil, Jair Bolsonaro, a' fàgail air Mgr Macron ge-tà, gu bheil e a' cur a shròin gun iarraidh air ann an cùisean Bhraisil.

Luchd-Siridh Comraich

Tha e a' faileachadh air Oifis na Dùthcha tighinn air an targaid fhèin airson dèiligeadh ri iarrtas airson comraich. Tha buidhnean carthannais ag ràdh gu bheil sin gu math tric a' fàgail an fheadhainn as fheumaiche gun dachaigh. Thuirt Oifis na Dùthcha gu bheil taic-airgid ann dhan a h-uile duine a tha a' feitheamh nas fhaide na còig làithean.

Gàrradh MhicFhearghais

Tha Cathraiche Còmhdhail Còmhairle nan Eilean Siar den bheachd nach bi mòran an còrr dàil ann air an dà bhàt-aiseig ùr a tha gan togail aig Gàrradh MhicFhearghais air Cluaidh. Bha Ùisdean Robasdan a' bruidhinn an dèidh chòmhraidhean ri Rùnaire na Còmhdhail, agus Còmhdhail Alba. Agus thuirt e gu bheil a' Chomhairle ag iarraidh riochdaire às na h-Eileanan Siar air a' bhòrd-stiùiridh a bhios os cionn Ghàrradh MhicFhearghais anns an Roinn Phoblaich.

Sgoil an Ath Leathainn

Ged a tha Comhairle na Gàidhealtachd a' cur romhpa sgoil ùr a thogail anns an Ath Leathann an taobh a-staigh dà bhliadhna, tha iad ag ràdh nach urrainn dhaibh gealltainn gun tachair e anns an ùine sin. Tha am pròiseact anns an dàrna àite air liosta na Comhairle, ach le sgoil ùr do Bhaile Dhùthaich aig mullach na liosta airson taic bho Riaghaltas na h-Alba, tha ceist ann, a rèir Cheannard Bhuidseit na Comhairle, Alasdair MacFhionghain, an ann bhon Riaghltas, no bhon Chomhairle fhèin a thig an t-airgead airson an Ath Leathainn.

Polypill

Tha luchd-saidheans ag ràdh gun cuireadh pile làitheil smachd gu ìre mhòir air grèim-cridhe agus stròc, gu h-àraid ann an dùthchannan bochda far nach eil uimhir de chothrom aig daoine air cungaidhean-lèigheis. Tha luchd-rannsachaidh à Birmingham agus Ioran ag ràdh gu bheil "Polypill" fìor èifeachdach, agus nach eil e ach beagan sgillinnean gach là. Chan eil cead aig an droga ann am Breatainn.