Sùilean air an Àird

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Cuairt-dheireannach Chupa na Camanachd.

'S dòcha nach robh iomain an Òbain a-riamh cho ainmeil gu h-eadar-nàiseanta.

Tha Raibeart Mac an t-Saoir òg a' coisinn cliù dha fhèin ann an saoghal a' ghoilf agus a' togail aire mu spòrs nan Gàidheal.

Tha cuimhne aig Bob air na daoine bhon tàinig e, is caman aige fhathast ann an cùl a' chàir.

Bha athair is uncle aig cridhe chùisean nuair a bhuannaich Camanachd an Òbain Cupa na Camanachd mu dheireadh air ais ann an 1996.

Fhuair Dougie is Gòrdan tadhail an là sin, Gòrdan gu dearbh leis an tadhal a rinn a' chùis air Ceann a' Ghiuthsaich, às dèidh dha sùil a chall ann an geama eadar na sgiobaidhean roimhe.

Eadar sgeulachdan Dougie is Gòrdan is soirbheachas Raibeirt Òig sa ghoilf, tha clann Mhic an t-Saoir air gu leòr a dhèanamh 'son Camanachd an Òbain a bhrosnachadh ro chuairt dheireannach Chupa na Camanachd aig an Àird Disathairne.

Is bidh feum aca air a h-uile brosnachadh a gheibh iad an aghaidh Bhaile Ùir an t-Slèibh.

Adhartas

Tha sgioba an Òbain air a bhith a' tighinn air adhart mean air mhean thairis air na bliadhnaichean mu dheireadh.

Leis a' Chupa Cheilteach a bhuannachadh a-rithist 'son an dàrna bliadhna ann an streath - agus a' chùis a dhèanamh air Caol Bhòid ceithir tursan anns na mìosan mu dheireadh - 's iad a-nise gun teagamh an sgioba as fheàrr mu dheas.

'S e cupa mòr nàiseanta a tha a dhìth orra a-nise. Thàinig briseadh-dùil air a' mhìos seo chaidh nuair a chaill iad ri Ceann a' Ghiuthsaich sa chuairt dheireannaich de Chupa MhicAmhlaidh.

Tha sgiobair Chamanachd an Òbain, Daniel Camshron, ag ràdh gu bheil iad mothachail air sin.

"'S e rud mòr a bh' ann dhuinn a' chùis a dhèanamh air Caol Bhòid san iar-chuairt dheireannaich. Fad bhliadhnaichean bha làmh an uachdair aig Caol Bhòid oirnn. Tha e math sin a thionndadh mun cuairt", thuirt an Camshronach.

"Tha na balaich òga a' tighinn air adhart is tha measgachadh math againn a-nise. Tha fios againn gun do chaill sinn cothrom air duais no dhà ach seo an geama mòr, seo am fear a tha sinn ag iarraidh.

"Chuala mi Baile Ùr an t-Slèibh ag ràdh gum biodh daoine an dùil gun dèan sinn an gnothach. Chan eil sinn a' gabhail ri sin!" thuirt e.

Image caption Tha grèim làidir air a bhith aig Baile Ùr an t-Slèibh air Cupa na Camanachd.

Bidh sgioba an Òbain as aonais Scott Mhic a' Mhaoilein a tha air a chasg. Ged a ghoirtich Willie Neilson a ghlùin gu dona san iar-chuairt dheireannaich, tha e air tilleadh gu trèanadh is e an dòchas a bhith fut.

Is dè mu dheidhinn a' Bhaile Ùir?

Tha sgioba PJ Mhic an Tòisich ag amas air Cupa na Camanachd a bhuannachadh 'son na ceathramh bliadhna ann an sreath.

Cha do rinn fiù 's gaisgich a' Bhaile Ùir anns na 1950an no 1970an sin.

Gu dearbh, feumaidh tu a dhol air ais dhan sgioba a thog an cupa eadar 1907 is 1910 ann an linn Johnnie Cattanach 'son an turas mu dheireadh a bhuannaich am Baile Ùr ceithir ann an sreath.

Mar sin, 's e cothrom a tha seo barrachd eachdraidh a dhèanamh.

Tha an sgioba seo a-nise cho eòlach air geamaichean mòra a bhuannachadh. Chunnachas sin mar-tha am-bliadhna nuair a thòisich Gleann Urchadain gu làidir nan aghaidh sa chuairt dheireannaich de Chupa MhicTàmhais, mus d' fhuair am Baile Ùr grèim orra is iad mu dheireadh a' soirbheachadh gu cofhurtail.

Thachair e a-rithist san iar-chuairt dheireannaich nuair a thill Cabair Fèidh uair is uair, mus tàinig am Baile Ùr am bàrr 7-5 ann an ùine a bharrachd.

Neart

Nì an t-eòlas a tha sin feum dhaibh Disathairne.

"Cha dèan sinn ullachadh sònraichte airson seo seach geama sam bith eile", thuirt an sgiobair, Evan Menzies.

"Cha bhi sinn a' smaointinn cus mun Òban. Nì sinn an rud againn fhein", thuirt e.

Ged a tha am Baile Ùr làidir tron sgioba air fad, thog Menzies gu sònraichte air an fheadhainn aig a' chùl.

"Ruairidh Ceannadach dhomhsa, 's e an cluicheadair as fheàrr san spòrs. Steafan Dòmhnallach, 's urrainn dha geama a bhuannachadh e fhèin. Craig Ritchie, cha creid mi gu bheil tuigse aig daoine cho math 's a tha e.

"Sin triùir aig a' chùl. Tha fios againne aig an aghaidh gun urrainn dhuinn geama a bhuannachadh 1-0 oir tha iadsan cho math aig a' chùl", thuirt e.

Tha ceist no dhà mu sguad a' Bhaile Ùir 'son an là mhòir.

Tha Andy Mac an Tòisich, Mìchael Ruiseil is Glen Mac an Tòisich uile air a bhith air an leòn, ach tha dùil gum bi iad rim faighinn.

Caibideil eile ann an eachdraidh iongantach Bhaile Ùir an t-Slèibh ma-tha, no là iomraiteach a bharrachd ann am bliadhna air leth 'son spòrs an Òbain?

Cluinnear an geama beò air BBC Radio nan Gàidheal Disathairne bho 1.30f.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile