Fear fo chasaid muirt Renee agus Anndra MacRath

Renee agus Anndra MacRath Image copyright Poileas Alba
Image caption Renee agus Anndra a chaidh a dhìth ann an 1976

Chaidh casaidean muirt agus bacadh air ceartas a chur air Uilleam MacDhùghaill, 77, co-cheangailte ri murt Renee NicRath agus a mac, Anndra, a chaidh a dhìth bho chionn còrr is 40 bliadhna.

Nochd Maighstir MacDhùghaill ann an Cùirt an t-Siorraim an Inbhir Nis feasgar Diciadain.

Chan fhacar sgeul air Renee, a bha 36, agus Anndra, a bha 3, bhon 12mh den t-Samhain 1976 is iad air am faicinn a' dràibheadh a-mach à Inbhir Nis.

Chaidh an càr aig Renee a' lorg loisgte ri taobh an A9 mu 10 mìle deas air Inbhir Nis.

Cuaraidh

Chaidh Mgr MacDhùghaill a chur an grèim ann am Penrith, an ceann a tuath Shasainn, madainn Diciadain le oifigearan bho Sgioba Rannsachaidh Mòr-thachartais Poileas Alba

Thòisich rannsachadh mionaideach foireansach ann an cuaraidh Lèanach faisg air Inbhir Nis nas tràithe am-bliadhna co-cheangailte ris a' chùis.

Cha deach cuirp Renee agus Anndra a lorg, ach tha sgrùdadh a' leantainn air na chaidh de stuth a thoirt bhon chuaraidh ann an Lèanach.

Cha do rinn Mgr MacDhùghaill tagradh sam bith agus chaidh a leigeil ma sgaoil air urras.

Nochdaidh e air beulaibh na cùirte san àm ri teachd.