Tubaist air taobh siar Leòdhais

Chaidh fireannach, 72 bliadhna de dh'aois, a sgèith dhan ospadal às dèidh tubaist le bhana agus bhana-chàmpachaidh anns na h-Eileanan Siar.

Bha dithis an sàs anns an tubaist, a thachair mu 10.30 Diciadain air an A858 eadar Drochaid Chàrlabhaigh agus Taigh-òsta na Doune Braes.

Bha sgiobannan smàlaidh à Steòrnabhagh agus Siabost aig an làraich còmhla ri heileacoptair nam maor-cladaich à Steòrnabhagh, a bha an sàs ann an trèanadh anns an sgìre aig an àm.

Chaidh am fireannach a thoirt gu Ospadal nan Eilean Siar ann an Steòrnabhagh is e air a dhroch ghoirteachadh.

Chaidh an rathad a dhùnadh airson 16 uairean de thìde.