Ceum air adhart do phlana 'son port-fànais an Cataibh

Ìamhaigh neach-ealain air làrach nan saidealan an Cataibh Image copyright Orbex
Image caption Ìomhaigh neach-ealain air cò ris a dh'fhaodhadh làrach nan saidealan an Cataibh a bhith coltach

Tha Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean os cionn a' phròiseict airson port-fànais a stèidheachadh air Rubha na Mòine ann an Dùthaich MhicAoidh.

Tha na planaichean aca air ceum air adhart a ghabhail an dèidh dhaibh fios a chur gu Comhairle na Gàidhealtachd ag innse dhaibh gu bheil iad am beachd iarrtas airson cead dealbhachaidh a chur a-steach fhathast.

Chosgadh am port-fànais air talamh mòintich an iar-dheas air Dùn Buidhe £17m.

Bhiodh saidealean beaga coimearsalta gan cur suas chun nan speuran às a' phort-fànais.

Image copyright Ian Shiell/Geograph
Image caption Tha Rubha na Mòine air a' chosta a tuath eadar Tunga agus Diùranais

Dh'fhaodadh gum biodh 40 obraichean an cois na h-obrach air an làraich sin, agus tha beachd ann gum faodadh gun cruthaich an leasachadh 400 cosnadh uile gu lèir air feadh na Gàidhealtachd.

Thathar a' moladh ionad-stiùiridh agus iùil a thogail cho math ri tùran airson na saidealan a chur suas, rathaidean ùra agus raon-paircidh.

Thagh Buidheann Fànais Bhreatainn an làrach san Iuchar an-uiridh a-mach à 26 àiteachan eile a bha iad a' measadh.

Buidheann-strì

Chaidh buidheann a stèidheachadh airson cur an aghaidh nam molaidhean airson a' phuirt-fànais.

'S ann air talamh Oighreachd Chroitearachd Mhealnais a thathar a' moladh am port-fànais a thogail.

Tha cuid de chroitearan air draghan a nochdadh mun chonaltradh phoblach a bh' ann mun ghnothach.

Tha iomagain orra cuideachd mun bhuaidh a dh'fhaodadh a bhith aig an leasachadh air an àrainneachd, rathaidean ionadail agus air na còirichean croitearachd aca.