Chuir Donnie Rothach a thaic ri iomairt an Ironworks a ghlèidheadh

Luchd-èisteachd Image copyright David Stewart
Image caption Tha talla an Ironworks mòr gu leòr airson mìle duine

Tha am fear a bha uair a' seinn le Runrig a' cur a thaic ris an iomairt airson ionad-ciùil an Ironworks an Inbhir Nis a chumail fosgailte.

Tha cunnart ann gun dùin an goireas mura tèid àite ùr a lorg a tharraingeas còmhlain agus luchd-ciùil do phrìomh bhaile na Gàidhealtachd.

Thòisich ball Làbarach na Gàidhealtachd agus nan Eilean ann am Pàrlamaid na h-Alba, Dàibhidh Stiùbhart BPA, an iomairt airson togalach eile a lorg a ghabhas àite an fhir air Sràid na h-Acadamaidh.

Tha Caroline Chaimbeul, stiùiriche an Ironworks, air an togalach fhaighinn air mhàl bho 2006 on thòisich i an gnìomhachas.

Tha a' chompanaidh, Bricks Capital, a' sireadh cead-dealbhachaidh airson an togalach a leagail agus taigh-òsta sam bi 160 seòmar-cadail a thogail air an làraich.

Thuirt Mgr Stiùbhairt gu robh iad a' coimhead air a h-uile dòigh dachaigh ùr a lorg dhan Ironworks ach gur e bu mhiann leotha taic-airgid fhaighinn airson ionad ciùil ùr a stèidheachadh a ghabhadh sluagh mòr.

Image caption Tha Donnie Rothach a' cur a thaic ris an iomairt airson talla-ciùil mòr ùr a stèidheachadh an Inbhir Nis

Chaidh an Ironworks a thogail a dh'aona-ghnothach mar thalla-ciùil agus am measg na daoine a th' air a bhith air an àrd-ùrlar tha Joan Armatrading, Belle agus Sebastian agus Runrig.

Choisinn an còmhlan Gàidhealach cliù mòr airson cultar na Gàidhlig agus na h-Alba a thoirt gu aire luchd-èisteachd eadar-nàiseanta agus bhrosnaich iad ginealach de luchd-ciùil òga sa cheann a tuath.

Bha Donnie Rothach na phrìomh sheinneadair leis a' chòmhlan airson còrr agus 20 bliadhna.

"Chì mi cho tarraingeach agus a bhiodh e ionad ciùil mòr a stèidheachadh ann an Inbhir Nis a' frithealadh luchd-còmhnaidh a' bhaile, Moireibh, Taobh Sear agus Taobh Siar Rois, An Gearasdan, Loch Abar, Dòrnach, Baile Dhubhthaich, Gallaibh, Cataibh agus an t-Eilean Sgitheanach agus Loch Aillse.

"Tha sluagh mòr sa sgìre air fad agus chan eil àite ann dhaibh far am faic iad agus far an cluinn iad na còmhlain mhòra agus an luchd-ciùil as ainmeile," thuirt Mgr Rothach.

Image copyright David Stewart
Image caption Tha Dàibhidh Stiùbhart BPA ag iarraidh air daoine an ainm a chur ri ath-chuinge air-loidhne aige

Thuirt Mgr Rothach gun fheumte rannsachadh a dhèanamh feuch an gabhadh seo dèanamh, plana gnothachais a dhèanamh agus sgrùdadh iarraidh air a' bhuaidh eaconamach a bhiodh an cois leithid an leasachaidh.

Thuirt e: "Tha argamaid ann air a shon ach le cho doirbh sa tha an eaconamidh an-dràsta dh'fheumadh plana ceart agus mionaideach a bhith air a dhealbh," mhìnich Mgr Rothach.

Mar phairt den iomairt aige tha Dàibhidh Stiùbhart BPA air coinneamh a chur air dòigh le Rùnaire Cultair na h-Alba, Fiona Hyslop, a bhruidhinn mu na dùbhlain ron Ironworks far a bheil 62 duine a' faighinn cosnaidh eadar obraichean pàirt agus làn ùine.

Ath-chuinge

Tha còrr air 2,000 duine air an ainm a chur ris an ath-chuinge aige air-loidhne.

Thuirt Mgr Stiùbhart: "Tha an Ironworks na ghoireas mìorbhaileach.

"Tha e a' toirt na h-uimhir de chòmhlain chun na sgìre agus shoirbhich leis ged nach d' fhuair e riamh aon sgillinn de thaic-airgid phoblach.

"Cha leig sin seachad e gun spàirn a dhèanamh. Feumaidh sinn uile strì a dhèanamh airson a chumail a' dol. Tha an ath-chuinge feumach air barrachd ainmean. Feumaidh a h-uile duine an ainm a chur ris," dh'iarr Mgr Stiùbhart.