Playoff a dhìth ann an Lìog L&H

Ball-coise

Thèid geam playoff a chluich eadar An Rubha agus An Taobh Siar airson dearbhadh cò bhuannaicheas Lìog Leòdhais agus Na Hearadh am bliadhna.

Chrìochnaich an dà sgioba co-ionnan aig a' mhullach às deidh dha na Siaraich a' chùis a dhèanamh air a' Bhac 4-1 an-raoir.

'S e seo a' chiad turas a thèid geam a bharrachd a chluich son dearbhadh cò thogas an tiotal.

Cha deach innse fhathast cuin a thèid an geam a chluich.

Playoff

Anns an lìog am-bliadhna thog na Rubhaich ceithir puingean san dà gheam an aghaidh nan Siarach.

Chluich iad a' chèile ann an dà chuairt dheireannaich cuideachd leis An Taobh Siar a' tighinn am bàrr ann an Cupa Leòdhais agus An Rubha a' togail Cupa a' Cho-op.

A' bruidhinn às d`eidh a' gheam an-raoir thuirt leas-mhanaidsear An Taobh Siar, Cailean Seòras Moireasdan: "Tha mi a' smaoineachadh gur e rud math a th'ann dha Lìog Leòdhais agus Na Hearadh gu bheil dà sgioba mhath a' dol an aghaidh a' chèile.

"Tha sinn an dòchas gum bi tòrr dhaoine a' dol a dh'fhaicinn a' gheam. Tha sinn air a bhith còmhla ris An Rubha ann an cuairtean deireannach am-bliadhna agus tha mi cìnnteach ge bith cò ghlèidheas an lìog, 's e geam math dha-rìreabh a bhios ann," thuirt e.