Barrachd dhaoine a' coimhead BBC Alba

BBC ALBA

Tha BBC ALBA a' toirt misneachd mhòir às na h-àireamhan as ùire de luchd-amhairc, a th' air a dhol an-àirde.

Dh'fhoillsich a' bhuidheann clàr-foghair an t-seanail oidhche Dhiardaoin, 's thuirt an ceannard seirbheis, Màiread Màiri Mhoireach, gun do dh'èirich an àireamh dhaoine a tha ga choimhead 1% air a' bhliadhna roimhe.

Tha an luchd-amhairc cuideachd nas toilichte leis, agus nas mothachaile dhan t-seanal ann an Alba.

Bha ceist air cuid dè a' bhuaidh a bheireadh an seanal ùr BBC Scotland air an t-seanal Ghàidhlig.

Ach tha ceannard na seirbheis ag ràdh gu bheil an dà sheanal ag obair le chèile, 's gu bheil iad a' tabhann rudan eadar-dhealaichte air an luchd-amhairc.