Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

13 An t-Sultain 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

Labhraiche

Tha feadhainn a' gearain mu bhriathran Labhraiche Thaigh nan Cumantan, John Bercow, ann an òraid an-raoir. Thuirt Mgr Bercow, a tha a' fàgail na dreuchd a dh'aithghearr, gu bheil e deònach a dhol an aghaidh dhòighean obrach àbhaisteach na Pàrlamaid airson stad a chur air Brexit gun aonta. Thuirt e cuideachd nach bi Boris Johnson dad nas fheàrr na mèirleach banca mura h-iarr am Prìomhaire leudachadh air Brexit, mura bi aonta ann ro dheireadh na Damhair.

Tha am am ball-pàrlamaid Brexitiche Tòraidh, Sir Bernard Jenkin, am measg na tha a' gearain gu bheil John Bercow aon-taobhach san dreuchd. Thuirt esan nach do bhruidhinn Labhraiche riamh roimhe cho suarach air Prìomh Mhinistear 's a rinn Mgr Bercow air Mgr Johnson agus tha esan ag iarraidh smachd a chur an dèidh seo air cumhachdan dreuchd an Labhraiche.

Brexit

Chaidh Pàrtaidh Dheamocratach an Aonaidh às àicheadh aithris ann am pàipear-naidheachd gu bheil iad deònach gèilleadh gu ìre air cùl-stad na h-Èireann. Bha aithris ann gun gabhadh an DUP ri Èirinn a Tuath a bhith fhathast fo chuid de riaghailtean an EU an dèidh Bhrexit eu-choltach ris a' chòrr den Rìoghachd Aonaichte. Thuirt am pàrtaidh nach eil sin fìor. Thuirt fear-labhairt Bhrexit an DUP, Sammy Wilson, gu bheil a h-uile pàrtaidh ag obair gu ruige aonta.

SSE

Dh'aontaich SSE a tha stèidhichte an Alba meur na buidhne a tha a' reic connaidh dachaidh a reic ris a' bhuidhinn Ovo air còig ceud millean not. Fàgaidh sin Ovo air aon de na companaidhean as motha a tha a' reic dealain agus gas anns an Rìoghachd Aonaichte. Dh'fheuch SSE ri reic ri N-power air an aon dòigh an-uiridh ach thuit sin às a' chèile.

Stiùiriche an Fhoghlaim aig BnaG

'S ann pàirt-ùine a-niste, là gu leth gach seachdainn, a tha dreuchd Stiùiriche an Fhoghlaim aig Bòrd na Gàidhlig. Chaidh Jim Whannel dhan dreuchd an t-seachdainn 's a chaidh an àite Mona Wilson a dh'fhàg an obair an-uiridh.

Bancaichean dùthchail

Tha Caidreachas nan Gnìomhachasan Beaga ag iarraidh air diofar bhancaichean a' dol còmhla anns an aon thoglach mar dhòigh air seirbheisean a chumail a' dol ann an sgìrean dùthchail. Tha dragh ann gu bheil bancaichean a' sìor dhùnadh a' toirt droch bhuaidh air eaconomaidh nan sgìrean as iomallaiche.