Bruidhnidh na poilis ri dràibhearan san rannsachadh aca 'son Jacqueline Ullmer

Jacqueline Ullmer Image copyright Police Scotland
Image caption Dh'fhàg Ms Ullmer a dachaigh ann an uairean beag na maidne Disathairne an 31mh den Lunasdal

Cuiridh na poilis stad air dràibhearan air an A9 mar phàirt den iomairt 'son lorg fhaighinn air Jacqueline Ullmer, 60, à Drochaid Chàrr.

Chan fhacas sgeul oirre bho dh'fhalbh i bhon dachaigh aice mu 01:30 madainn Dhisathairne an 31mh den Lùnasdal.

Rinn daibhearan poilis sgrùdadh mionaideach ann an uisgeachan Abhainn Thuilnein agus rinn oifigearan poilis agus buill sgiobaidhean teasairginn nam beann rannsachadh air tìr gun sgeul fhaighinn oirre.

Leanaidh an iomairt aca air prìomh rathad na sgìre an A9.

Tha drochaid-rathaid an A9 a' dol tarsainn Abhainn Thuilnein faisg air an taigh aice air Rathad an Stèisein agus bruidhnidh na poilis ri dràibhearan an sin.

Cuiridh iad stad orra eadar 01:00 m agus 15:00f Disathairne an 13mh den t-Sultain - mun aon àm a chunnacas Jacqueline mu dheireadh.

Thuirt an t-Insp. Vince Tough: "Bidh sinn a' bruidhinn ri dràibhearan air an A9 air eagal agus gum bi cuideigin a bhios tric a' siubhal air an rathad mun àm sin air mothachadh do chàil co-cheangailte ri cùis Jacqueline, fiù's ged nach biodh iad air mòran a shaoilsinn dheth aig an àm.

"Bu mhath leam iarraidh air daoine a bh' air an A9 neo ann an Drochaid Chàrr sùil as ùr a thoirt air dealbhan dash-cam a dh'fhaodadh a bhith aca.

"Tha sinn air leth taingeil airson taic na coimhearsnachd a tha a' cheart cho draghail, tha fios againn, agus a tha sinn mu chor Jacqueline," thuirt e.

Tha Jacqueline còig troighean agus sia òirlich de dh'àirde, caol agus le falt donn meadhanach fada.

Chan eil fhios le cinnt ach tha dùil gu robh dìnichean gorma agus geansaidh gorm oirre.