Bàta Nèill Iain ga lorg air Tràigh Àsgairnis

Alba air Tràigh Àsgairnis Image copyright Angus Steele
Image caption B' ann à Àsgairnis a bha seanmhair Nèill Iain.

Thàinig an eathar a bh' aig Niall Iain Dòmhnallach san oidhirp aige iomradh tarsainn a' Chuain Shiar - NY2SY - air tìr, air Tràigh Àsgairnis ann an Uibhist a Deas.

Chaidh cobhair a dhèanamh air Niall Iain san Ògmhios an-uiridh, ann an aimsir stoirmeil còrr air 700 mìle far chosta nan Stàitean Aonaichte, 's e air iomradh a-mach à New York, a dh'ionnsaigh Steòrnabhaigh.

'S ann à Àsgairnis a bha teaghlach màthar Nèill Iain.

"Chuir e iongnadh mòr orm nuair a chuala mi an naidheachd an-dè gun robh am bàta agam air a lorg, 's gu seachd-àraid gur ann an Àsgairnis a lorgadh i," thuirt e.

"Chan e a-mhàin gu bheil nas lugha na 100 mìle eadar sin agus mo dhachaigh ann an Steòrnabhagh, tha cuideachd ceangal teaghlaich gu math làidir agam ri Àsgairnis, leis gur ann à sin a bha mo sheanmhair, agus gun deach mo mhàthair, nach maireann, a thogail faisg air làimh ann an Dalabrog.

Image copyright Calum Steele
Image caption Dh'fhàg Niall Iain am bàta sa chuan nuair a rinneadh cobhair air còrr air 700 mìle far chosta nan Stàitean Aonaichte san Ògmhios an-uiridh.

"Tha na faireachdainnean agam gu math measgaichte. Tha mi toilichte gun tàinig am pàirt mu dheireadh de sgeulachd NY2SY gu crìch, ach gu nàdarra tha e na adhbhar bròin dhomh a faicinn ann an staid cho truagh.

"B' e bàta iomraidh cuain air leth a bh' innte, agus chuidich uimhir de dhaoine ann an coimhearsnachd Steòrnabhaigh le bhith ga h-ullachadh airson dùbhlan NY2SY, agus mar sin chan eil e math a bhith ga faicinn mar seo," thuirt e.

Thuirt Niall Iain gun robh dùil aige falbh a dh'Uibhist a Deas Dihaoine, airson gnothaichean a chur air dòigh airson am bàta, air a bheil Alba, a thoirt dhachaigh a Steòrnabhagh.

"Cha mhòr nach tàinig i dhachaigh i fhèin," thuirt e.