Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

11 An Dàmhair 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

Brexit

Thuirt Ceannard Comhairle na h-Eòrpa, Dòmhnall Tusk, gu bheil comharraidhean dòchais ann airson aonta air Brexit an dèidh na coinneimh an-dè eadar Boris Johnson agus Taoiseach na h-Èireann. Thug an t-Aonadh Eòrpach gu deireadh an là an-diugh do Mhgr Johnson tighinn air adhart le molaidhean air am faodadh iad aonta a dhèanamh ro àrd-choinneimh an EU an ath-sheachdain.

Siria

Tha aithrisean a' tighinn à ceann a tuath Shiria gun deach sìobhaltaich agus sabaidichean a mharbhadh ann an ionnsaigh na Tuirce air sgìrean Curdach. Tha dragh ann gun teich prìosanaich IS bho na campaichean anns a bheil iad air a bhith an grèim aig na feachdan Curdach.

Anne Sacoolas

Thuirt Tosgaire Breatannach gun robh còmhradh ann eadar an Rìoghachd Aonaichte agus na Stàitean Aonaichte mun bhoireannach Aimeireaganach a thathas ag iarraidh airson a ceasnachadh mu thubaist-rathaid anns an do chaill duine òg a bheatha. Tha dìon dioplòmasach air Anne Sacoolas. Chaidh Harry Dunn, a bha 19 bliadhna de dh'aois, a mharbhadh anns an tubaist faisg air ionad Feachd an Adhair ann an Northamptonshire anns an Lùnastal.

Am Mòd

Tha am Mòd Nàiseanta Rìoghail a' fosgladh gu h-oifigeil ann an Glaschu a-nochd. 'S ann an 1990 a bha am Mòd ann an Glaschu mu dheireadh, nuair a bha e ann am Baile a' Ghobhainn. Am-bliadhna bidh cha mhòr na farpaisean uile ann an Talla Chonsairt Rìoghail a' bhaile, no ann an Colaiste a' bhaile faisg air làimh.

A' Ghàidhlig

'S aig deasbad ann an Glaschu an-raoir thàinig rabhadh bho Ollamh Rannsachaidh na Gàidhlig aig Oilthigh na Gàidhealtachd 's nan Eilean gum feum coimhearsnachdan Gàidhealach a bhith aig cridhe phoileasaidhean leasachaidh a' chànain. Thuirt Conchúr Ó Giollagáin gu bheil cus cuideim ga chur air luchd-labhairt ùra seach luchd-labhairt dùthchasach, agus gum bu chòir poileasaidh a bhith a' dèiligeadh ri cùisean sòisealta, le barrachd taice do theaghlaichean agus coimhearsnachdan anns a bheil a' Ghàidhlig.

Cead TBh

Dh'iarr Buill-Phàrlamaid air a' BhBC 's air an Riaghaltas aonta a dhèanamh airson cead telebhisein an asgaidh a ghlèidheadh do dhaoine nas sine na 75 bliadhna de dh'aois. Thuirt a' Chomataidh airson nan Cùisean Didseatach, Cultair agus nam Meadhanan gu bheil e mì-reusanta gu bheil an t-sochair sin stèidhichte air deuchainn stòrais. An-dràsta chan eil a' faighinn cead telebhisein an asgaidh ach seann daoine a tha a' faighinn creideas peinnsein.

Duiais Sìthe Nobel

'S e Prìomhaire Etiòpia, Abiy Ahmed, a fhuair Duais Sìthe Nobel na bliadhna seo. Thuirt Institiut Nobel ann an Oslo gun d' fhuair Mgr Ahmed an duais airson na h-oidhirp a rinn e stad a chur air a' chogadh fad 20 bliadhna eadar Etiòpia agus Eritrea.