Gearain oifigeil fo Achd na Gàidhlig

Comhairle na Gàidhealtachd

Tha a' bhuidheann iomairt Misneachd air gearain oifigeil a chur a-steach fo Achd na Gàidhlig, mu Chomhairle na Gàidhealtachd.

Tha iad ag ràdh gu bheil mar a thuirt ceannardan na Comhairle o chionn ghoirid nach robh e san amharc aca sgoiltean Gàidhlig ùra sam bith a thogail, a' dol an aghaidh na gheall iad sa Phlana Ghàidhlig aca.

Nochd connspaid an dèidh do Cheannard Comhairle na Gàidhealtachd, Mairead NicDhàibhidh, litir a chur o chionn ghoirid gu Neach-gairm Buidheann Thar-Phàrtaidh na Gàidhlig aig Holyrood, Alasdair Allan, ag ràdh nach togadh a' Chomhairle an còrr sgoiltean Gàidhlig fa-leth aig an ìre seo.

A-niste, tha Misneachd air gearain oifigeil a chur a-steach fo Earrann 6 de dh'Achd na Gàidhlig (2005).

Tha iad ag ràdh gu bheil na thuirt Ms NicDhàibhidh a' dol an aghaidh na gheall a' Chomhairle sa Phlana Ghàidhlig aca.

Tha sinn a' feitheamh air freagairt bho Chomhairle na Gàidhealtachd.