"Cruth-atharrachadh a dhìth air BnaG"

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Cathraiche eadar-amail a' Bhùird, Màiri NicAonghais

Feumaidh cruth-atharrachadh tighinn air Bòrd na Gàidhlig, a reir aithisg-sgrùdaidh a tha a' togail ceist mu dhòighean-obrach is stiùireadh na buidhne.

Tha an aithisg eadar-amail - a chaidh ullachadh leis a' chompanaidh chunntasachd Deloitte - ag ràdh gu bheil laigsean bunaiteach anns an dòigh sa bheil Bòrd na Gàidhlig air a riaghladh.

Dh'ullaich Deloitte an aithisg airson Comataidh Sgrùdaidh is Rianachd Chunnartan Bhòrd na Gàidhlig.

Cha deach an aithisg fhoillseachadh gu poblach, ach fhuair am BBC sealladh oirre.

Conaltradh

Tha an aithisg gu sònraichte a' coimhead air ceannas agus dòighean-riaghlaidh Bhòrd na Gàidhlig.

Tha i ag ràdh gu bheil mòran den luchd-obrach den bheachd gu bheil a' bhuidheann a' dèiligeadh ri cùis-èiginn às dèidh cùise-èiginn, agus nach eil stiùireadh ceart, cinnteach ann.

Chan eil conaltradh idir ceart eadar am bòrd-stiùiridh, manaidsearan Bòrd na Gàidhlig, agus an luchd-obrach, a rèir na h-aithisg.

Tha tòrr den luchd-obrach mì-thoilichte mun dòigh sa bheil Bòrd na Gàidhlig air a stiùireadh, le droch-chàirdeas eadar diofar mhanaidsearan sa bhuidhinn, agus tha sin a' dèanamh milleadh air co-dhùnaidhean a' Bhùird.

A bharrachd air sin, tha an aithisg ag ràdh nach eil na sgilean a tha a dhìth am measg ceannas na buidhne.

Tha diofar adhbharan ann airson seo, a rèir na h-aithisg, agus cuid de na duilgheadasan a' dol air ais fad bhliadhnaichean.

Tha gainnead de dh'àrd-mhanaidsearan is luchd-obrach, is mar sin tha cus obrach aig feadhainn a tha air fhàgail, gu h-àraid a' bualadh air na manaidsearan.

Tha seo a' toirt buaidh gu h-àraid air riaghladh na buidhne.

Tha an aithisg ag ràdh gu bheil dùbhlan mòr aca daoine a bhiodh freagarrach fhastadh.

Moladh

Tha cion conaltraidh agus cion-earbsa eadar cuid de na manaidsearan, agus cion-conaltraidh eadar am bòrd-stiùiridh, na manaidsearan agus an luchd-obrach a' cur ris na duilgheadasan a tha romhpa.

Tha na h-uimhir de mholadh ga dhèanamh air a' Bhòrd cuideachd anns an aithisg, 's i ag ràdh gu bheil piseach air tighinn air cuid de rudan, agus gu bheil rudan eile ann a ghabhas a chur ceart.

Tha rudan leithid trèanaidh agus meantoradh air feum a dhèanamh gu ìre.

Tha an sgrùdadh ag ràdh gu bheil tàlantan agus sgilean gu leòr sa bhuidhinn, 's gu bheil daoine a' dèanamh an dìchill.

Tha an dol-a-mach aig a' mhòr-chuid de bhuill-stiùirdh is oifigearan ceart agus aig àrd-ìre.

Tha an aithisg a' moladh gum feum atharrachadh bunaiteach tighinn air an t-suidheachadh, leithid taic a bharrachd do mhanaidsearan san là obrach.

Feumaidh soilleireachd agus cinnt a bhith ann a thaobh nan dleastanasan a th' air buill a' bhùird-stiùiridh, na manaidsearan, agus a thaobh an càirdeas le Riaghaltas na h-Alba.

A thaobh Ceannard a' Bhùird - àrd-oifigear nam manaidsearan, Shona NicIllinnein - tha an aithisg ag ràdh gu bheil i air a bhith ag obair gu cruaidh gus piseach a thoirt air a' bhuidhinn, ach gu bheil i a' feuchainn ri cus a dhèanamh i fhèin.

Tha cion-earbsa eadar i fhèin is feadhainn eile sa bhuidhinn, a rèir na h-aithisg.

Plana-Gnìomha

Mhol an aithisg gun tèid an càirdeas, agus an conaltradh a th' ann eadar na diofar ìrean is roinnean den Bhòrd a leasachadh.

Chaidh Cathraiche eardar-amail a' Bhùird, Màiri NicAonghais, às àicheadh gu bheil am Bòrd gun stiùir, agus thog i air na chaidh de mholadh a dhèanamh air obair na buidhne anns an aithisg.

"Tha cuideachd, an aithisg a' dèanamh moladh air obair a tha am Bòrd air a dhèanamh thairis air na bliadhnaichean," thuirt i.

"An obair a th' air a bhith a' tachairt anns a' Phàrlamaid; an obair a tha sinn air a bhith a' cumail a' dol aig Bòrd na Gàidhlig leis an aon airgead; an obair a tha a' tachairt a thaobh brosnachadh na Gàidhlig fhèin; a thaobh an rud ùir a tha a' tachairt tron Phàrlamaid air adhartas nas luaithe; mar a thathar ag obrachadh còmhla ris na roinnean - tha iomadach moladh anns an aithsig a tha seo.

"Ach, tha i cuideachd ag ràdh nach eil conaltradh gu leòr ann, uill tha sin gu math cumanta air feadh an t-saoghail gu lèir, agus tha sinn a' coimhead air na siostaman againn ùrachadh airson sin.

"Agus airson a h-uile rud a tha sinn a' dèanamh, tha sinne air plana-gnìomha gu math cruaidh a chur ri chèile.

"Agus tha am plana-gnìomha sin air a bhith a-niste ag obrachadh thairis air, dh'fhaoidte, dà mhìos, suas ri trì mìosan a chaidh seachad.

"Agus tha sinn a' dèanamh adhartais mhath gus coimhead air a h-uile cuspair gu h-àraid a tha a' toirt dhuinn an dùbhlain," thuirt i.