Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

24 An Dàmhair 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

NHS na h-Alba

Tha Comataidh Sgrùdaidh na h-Alba ag ràdh gu bheil cunnart ann, mura h-atharraich cùisean, gum bi beàrn £1.8bn ann am buidseat NHS na h-Alba an taobh a-staigh còig bliadhna. Tha an aithisg bhliadhnail ag ràdh gu bheil dòighean-obrach an NHS ro chosgail, 's gum feum iad cabhag a chur ris a' phlana airson càirdeas nas dlùithe eadar cùram slàinte agus sòisealta. Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil adhartas ann, ach thuirt Àrd-Neach-Sgrùdaidh na h-Alba, Caroline Gardner, nach eil sin a' tachairt cho luath 's a bu chòir.

Na Cuirp san Làraidh

Tha e coltach gur e Sìonaich a bh' ann an 39 duine a fhuaireas marbh ann an cùl làraidh ann an Essex anns a' mhadainn an-dè. Tha poilis fhathast a' ceasnachadh dràibhear na làraidh, fear 25 bliadhna de dh'aois à Cunntaidh Àrd-Mhacha, ach rinn iad rèad an-raoir cuideachd air dà thaigh ann an Èirinn a Tuath.

Brexit

Chan eil Sràid Dhowning a' cur mòran suim ann an aithrisean gu bheil sgaradh anns a' Chaibineat mun t-slighe air adhart a-niste do Bhrexit. Tha feadhainn de na ministearan a rèir choltais den bheachd gum biodh e na b' fheàrr do Bhoris Johnson feuchainn ri aonta Bhrexit a chur tron Phàrlamaid seach a bhith ag iarraidh taghaidh choitchinn.

Òraid na Bàn-righinn

Tha bhòt chudromach eile ron Phrìomhaire an-diugh nuair a thèid iarraidh air Buill-Phàrlamaid taic a chur ri Òraid na Bàn-righinn. Thuirt an DUP an-raoir gun cuir iad taic ri planaichean an Riaghaltais, an dèidh mì-chinnt mu dè dìreach a dhèanadh iad. Tha an SNP ag ràdh ge-tà, gum bhòt iad an aghaidh an reachdais, agus iad ag ràdh gu bheil e a' goid chumhachdan bho Alba.

Bòrd na Gàidhlig

Dh'aidich Cathraiche eadar-amail Bhòrd na Gàidhlig gu bheil trioblaidean aca, ach thuirt i gu bheil plana-gnìomha aca. Bha Màiri NicAonghais a' freagairt aithisg sgrùdaidh on bhuidhinn Deloitte, a thuirt gum feum cruth-atharrachadh tighinn air a' Bhòrd, agus gu bheil ceist ann mu dhòighean-obrach agus stiùireadh na buidhne. Thuirt Màiri NicAonghais gu bheil trioblaidean den aon sheòrsa aig iomadh bhuidhinn eile coltach riuthasan, ach gu bheil misneachd anns an aithisg cuideachd.

RBS

Bha tuilleadh call air Banca Rìoghail na h-Alba an dèidh £900m eile a phàigheadh a-mach air PPI. Bha call £8m air na trì mìosan mu dheireadh air RBS, a bhuineas anns a' mhòr-chuid fhathast dhan Stàit, aig a bheil smachd air mu 60% den bhanca.