Rabhadh mu na machraichean
- Air fhoillseachadh

Thug fear de dh'àrd-eòlaichean Dhualchas Nàdair na h-Alba rabhadh gu bheil machraichean ìosal air costaichean taobh siar na h-Alba ann an cunnart air sgàth àrdachadh na mara agus sìde a tha a' fàs nas miosa.
Thuirt an t-Oll. Stiùbhart Angus, a th' air a bhith a' rannsachadh mhachraichean Uibhist fad 30 bliadhna, gu bheil cunnart ann gun tèid cruth-atharrachadh a thoirt air beathaichean agus planntrais a tha a' fàs san sgìre.
Mhinich e nach ann a-mhàin ann an Uibhist a tha seo a' tachairt ach ann an sgìrean eile de na h-Eileanan Siar agus cuideachd ann an àitichean a leithid Ìle, Tiriodh agus Arcaibh.
Tha e ag ràdh gu bheil e riatanach na dùin ghainmheach a ghlèidheadh mar dhòigh air na machraichean a dhìon.
Thog e air a' chron a tha stoc a' dèanamh air na dùin, agus am feum a rinn e ann an àitichean a leithid Bhòrnais far an deach casg a chur orra.
Feumar cuideachd a bhith faiceallach, thuirt e, le mar a thathas a' falbh le feamainn far na tràghad, ged nach robh e idir a' moladh gun deadh sin a chasg.