Luchd-comhnaidh gan gluasad à dachaigh-cùraim ann an Inbhir Nis

Dachaigh-cùraim Elmgrove Image copyright Google
Image caption Chaidh draghan mòra a thogail mu Dhachaigh-cùraim Elmgrove

Tha NHS na Gàidhealtachd a' gluasad luchd-còmhnaidh a-mach à Dachaigh-Cùraim Elmgrove ann an Inbhir Nis às dèidh mar a chaidh draghan mòra a thogail mu deidhinn.

Rinn Bùidheann-Sgrùdaidh a' Chùraim tagradh ri Cùirt an t-Siorraidh ann an Inbhir Nis ag iarraidh gun tèid Elmgrove a thoirt far chlàr nan dachaighean-cùraim.

Tha seo às dèidh mar a nochd draghan mòra mun ìre chùraim a tha luchd-còmhnaidh a' faighinn.

Cho-dhùin luchd-sgrùdaidh gun robh cunnart ann do "bheatha, slàinte agus cor" an luchd-còmhaidh.

Tha 24 duine a' fuireach ann.

Tha NHS na Gàidhealtachd air co-dhùnadh an cùmhnant aca leotha a thoirt gu ceann, 's iad ag ràdh gun gluais iad an luchd-còmhnaidh gu sgiobalta gu àite "nas sàbhailte".

Cha tàinig beachd fhathast bho stiùirichean Elmgrove.