Oidhirp air dotairean-teaghlaich a thàladh gu sgìrean iomallach

Soidhne rathaid
Image caption Tha trioblaid le bhith a' fastadh dhotairean-teaghlaich ann an cuid de sgìrean iomallach

Dh'fhaodadh gun tèid sgeama a tha ag amas air dèiligeadh ri gainnead dhotairean-teaghlaich ann an sgìrean iomallach a sgaoileadh a-mach.

'S e "The Joy Initiative" tiotal na h-iomairt a th' air a ruith mar-thà le ceithir bùird-slàinte ann an ceann a tuath na h-Alba.

Thuige seo chaidh aca air 27 dotairean a thoirt a-steach bho sgìrean eile, airson a bhith ag obair airson suas ri 18 seachdainnean sa bhliadhna ann an àitichean far an robh gainnead dhotairean-teaghlaich.

Thuirt tè den fheadhainn a ghabh pàirt ann, an Dtr. Helen Willlows à Shropshire, gu bheil i a' smaoineachadh gu bheil luach anns an sgeama.

Chuir ise ùine seachad ag obair ann an Steòrnabhagh agus ann an Sealtainn.

Tha NHS na Gàidhealtachd, nan Eilean Siar, Arcaibh agus Shealtainn an lùib na sgeama aig an ìre seo.